Main content
Sorry, this episode is not currently available

Blàr Tràigh Ghruinneart

Blàr Tràigh Ghruinneart, cuirm ciùil ann an Ìle, mu bhàrdachd Uilleam MacDhùnlèibhe. The musical event Blàr inspired by William Livingstone's poem Blàr Tràigh Ghruinneart.

An-diugh cothrom eile èisteachd ri prògram sònraichte a chaidh a chraoladh an toiseach ann a 2013 bho thachartas mòr ciuil ann an Eilean Ìle fon tiotal Blàr a bha air a' bhrosnachadh leis a' bhàrdachd aig Uilleam MhicDhùnlèibhe, Blàr Tràigh Ghruinneart. Tha a' bhàrdachd mu dheidhinn batal ainmeil ann an eachdraidh Ìle, Blàr Tràigh Ghruinneart, a thachair ann an 1598 eadar Clann MhicIlleathain, le Lachlainn Mòr MacIlleathain à Dùbhairt an aghaidh Dòmhnallaich Ìle, le Sir Seumas Dòmhnallach Dhùin Naoimheig air an ceann-san. B'e adhbhar a' bhlàir conas mu shealbh tìrean ann an Ìle, agus chuir sin gu sabaid dithis a bha dlùth an càirdeas, agus a bha cudtomach ann an eachdraidh Alba. Bha cò dhiù ceud agus dà fhichead neach air an àrd ùrlar eadar leughadairean agus luchd ciùil às an Eilean fhèin, nam measg còmhlan pìoba Ìle, còisirean an Eilean air fad, còisirean nan sgoiltean agus luchd ciùil tradiseanta Ìle. Chaidh an ceòl a stiùireadh le Clare Jordan agus chaidh Blàr a riochdachadh le Iseabail Nic an t-Sagairt. bbc.co.uk/coinneach.

57 minutes

Last on

Tue 7 Jul 2020 21:00

Clip

Broadcasts

  • Tue 4 Jun 2013 09:03
  • Tue 4 Jun 2013 21:03
  • Tue 7 Jul 2020 09:00
  • Tue 7 Jul 2020 21:00