Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Urr Màiri Byers

Seirbheis bho 1997 còmhla ris an Urr Màiri Byers, ministear Eaglais na h-Alba ann an Diùra aig an àm. Gaelic archive service with Rev Mairi Byers, Jura Church of Scotland in 1997.

Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na sailm agus na leughaidhean seo:
Salm 103 air fonn Coleshill agus air a sheinn le Coitheanal Eaglais Paraiste Thiriodh
Salm 121 air fonn French agus air a sheinn le Coitheanal Eaglais Naomh Cheasaig ann an Calasraid
Salm 23 air fonn Crimond agus Laoidh Chaluim Chille air an seinn le Còisir Eaglais Naomh Chaluim Chille ann an Glaschu

Leughaidhean:
Salm 23 & Eòin 10: 1-6 & 22-30

Ceann-teagaisg: Eòin 10: 27-28

"Thàinig i dhan t-saoghal seo na nighean ministeir,
Thuit i ann an gaol 'sbha i nise na bean ministeir,
'S cha do stad i gun robh i fhèin na ministear"

Rugadh Màiri Byers neo Màiri Laing ann an 1932. B' i an treas neach ann an teaghlach de sheachdnar aig an Urr Calum Laing 's a bhean Màiri, neo Calum Raghnaill à Cnòc an Torrain agus Màiri NicRuairidh à Staidhligearraidh. Bha athair Màiri, an t-Urr Calum Laing, na mhinistear air coitheanal Eaglais na h-Alba ann a Hobha Mòr an Uibhist a Deas agus 's e tidsear a bh' ann a Màiri.

Chuir Màiri òg seachad bliadhnaichean a h-òige ann an Uibhist a Deas, a' frithealadh Sgoil Hobha Mòr agus Àrd-sgoil Cheann a' Bhàigh. Bha i toilichte agus riaraichte le beatha mar eileanach, a' fàs suas ann an Uibhist a Deas . Bha i ceithir bliadhna deug mus do chuir i cas air tìr-mòr na dùthcha. Chaidh i a dh'Àrd-sgoil Phort Rìgh airson bliadhna agus an dèidh sin ghluais an teaghlach a dh' Alanais. Bha Màiri a-nis a' frithealadh Àrd-sgoil Inbhir Pheofharain agus, ged a bha i ag ionndrainn Uibhist, bha beatha air tìr-mòr a' còrdadh rithe cuideachd.

Bha Màiri riamh ag iarraidh a bhith na banaltram agus airson a dhol a-null thairis na miseanaraidh. Bhiodh i riamh a' leughadh leabhraichean mu bhanaltraman - bha ùidh aice ann am Florence Nightingale agus bhiodh i cuideachd a' leughadh leabhraichean air an sgrìobhadh le miseanaraidhean. Nuair a dh'fhàg i an sgoil chaidh i a dh'Inbhir Nis a thrèanadh airson a bhith na banaltram agus às an sin chaidh i a Dhùn Èideann. B' ann an Dùn Èideann a choinnich i ris an duine aice (an t-Urr Ailean Byers) agus bha esan a' trèanadh airson a bhith na mhinistear aig an àm agus miann aigesan cuideachd a dhol a-null a theagaisg an t-soisgeil gu tìrean cèin.

Chaidh Màiri san duine aice Ailean ( an t-Urr ) a-null a Ghana far an robh iad airson iomadach bliadhna a' cuideachadh choimhearsnachdan an sin. Bha ceathrar a theaghlach aca agus bha Màiri fhèin a' teagasg a cuid chloinne oir cha robh sgoiltean no goireasan foghlaim ro mhath sa sgìre. Thill iad air ais a dh'Alba ann an 1971 agus chaidh iad gu paraiste faisg air Obar Dheathain. Bhiodh Màiri a' toirt seachad tòrr cuideachaidh taobh a-staigh na paraiste, a' teagasg 's a' cuideachadh ann an iomadh dòigh. Le sin, còmhla ris na sgilean a dh'ionnsaich i a' teagasg a cuid chloinne fhèin, chaidh i a dhèanamh cùrsa-teagaisg - ach cha robh na cùrsaichean 's an trèanadh a' stad aig an sin. Tro na bliadhnaichean rinn i cùrsaichean eile co-cheangailte ris an eaglais gus mu dheireadh rinn i cùrsa-trèanaidh airson a bhith na ministear.

B' e Diùra a' chiad choitheanal a bh' aice ann an 1991 gu 1998 agus chan e a-mhàin gu robh e annasach a bhith faicinn boireannach a' searmonachadh, bha boireannach a' searmonachadh sa Ghàidhlig na annas buileach. Anns na bliadhnaichean sin bhiodh seirbheisean Gàidhlig aice ann an Diùra agus an Ìle. Leig i dhith a dreuchd ann an 1998 oir cha robh an duine aice a' cumail ro mhath. Ghluais i fhèin 's an duine aice gu Annan far an robh Màiri air a cumail trang a' cuideachadh paraistean eile agus cuideachd a' frithealadh nan oghaichean aice.

Bhàsaich an t-Urramach Màiri Byers aig aois ceithir fichead sa còign ann an 2018.

30 minutes

An t-Urr Màiri Byers

An t-Urr Màiri Byers

Broadcasts

  • Sun 2 Jun 2013 21:00
  • Sun 1 Nov 2020 21:00
  • Sun 11 Jun 2023 21:00