28/05/2013
Lèirmheas den dealbh-chluich ainmeil aig Hector MacMillan The Sash. bbc.co.uk/feasgar. A review of Hector MacMillan's taut domestic drama about sectarianism, The Sash.
An-diugh leìrmheas le Iain MacNèill air an dealbh-chluich ainmeil aig Hector MacMillan, The Sash, a tha dà fhichead bliadhna a dh'aois agus a tha a' cuir grà in-creideamh fon a' phròsbaig agus i ag innse sgeulachd dà theaghlach a tha air a dhol a-mach air a chèile air sgà th 's creideamh eadar-dhealaichte. Tha dealbh-chluich nas ùire ann cuideachd, The Blood is Strong, a tha a' coimhead ri poilitigis agus cultur na h-Alba an-diugh agus a' bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith aige air sasainn. Se Mìcheal Hill a chaidh ga choimhead. Cuideachd tha Calum MacFhionghainn air ais leis an t-sreath air na dotairean Who agus an t-seachdain seo se dotair a h-aon dheug a th'aige - Matt Smith air an robh an t-seacaid clòdh Hearach nuair a-nochd e an toiseach anns na prògraman Dr Who. Innsidh Catriona Mhoireach mu dheidhinn prògram ùr - Cùl a' Bhìogais - a tha a' tòiseachadh seachdain Diardaoin air Â鶹Éç Radio nan Gà idheal - dibhearsain agus plòidh am pailteas le Iain Moireasdan sa chathair a' cumail ceann a' mhaide ri Iain MacAmhlaigh agus a' bhean Marie NicAmhlaigh 's an sgiobaidhean. Sin uile agus an ceòl as fheà rr air Feasgar còmhla ri Cathy. bbc.co.uk/feasgar.
Last on
Broadcast
- Tue 28 May 2013 12:03Â鶹Éç Radio nan Gà idheal