Main content
Sorry, this episode is not currently available

1/2 Seirbheis bho 1984 còmhla ris an Oll Urr Murchadh Eòghainn Dòmhnallach

Seirbheis bho 1984 còmhla ris an Oll Urr Murchadh Eòghainn Dòmhnallach.
Gaelic archive religious service from 1984 conducted by the Rev Prof Murdo E MacDonald.

Anns an t-seirbheis seo bho 1984 cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 121, 1-2 air fonn French agus air a' sheinn le coitheanal Eaglais Naomh Cheasaig ann an Calasraid.
Salm 90, 1-2 air fonn Bangor, os cionn na seinn bha Calum MacIllFhinnein le taic bho choitheanal Eaglais Sràid Ghardner ann an Glaschu.

Leughadh - Litir an Abstoil Pòl a-chum nan Ròmanach 8:35-39
Ceann-teagaisg - Salm 125: 2

Rugadh Murchadh Eòghainn Dòmhnallach ann an ceann a deas na Hearadh ann an 1914. An dèidh dha a dhol tron fhoghlaim ann an Sgoil Cheann a' Ghiùthsaich - mar a rinn iomadh balach eile às na h-eileananan - agus ann an Oilthigh Chill Rìmhinn, chaidh a shuidheachadh mar mhinistear ann am Port Rìgh.
Ann an 1940 chaidh e don chogadh mar mhinistear-airm agus choisinn e an t-ainm, 'Padre Mac', a sin. Phòs e a bhean, Beataidh, ann an New York ann an 1942. Chaidh a leòn ann an ceann a tuath Afraga agus bha e na phrìosanach ann an Stalag Luft III. Bha iarrtas mòr air anns a' champ far an robh na prìosanaich; daoine a' fulang le trom-inntinn, daoine bochd agus daoine a' bàsachadh.
An dèidh a' chogaidh, ann an 1946, bha Murchadh Eòghainn na mhinistear ann am Partaig. Ann an 1949 ghabh e ri gairm gu coitheanal cho ainmeil agus a tha ann an Alba, St. George's West ann an Dùn Èideann. Choisinn e cliù mar shearmonaiche agus thàinig na searmonan aige a-mach ann an grunn leabhraichean - 'The Need to Believe', 'The Vitality of Faith', 'The Call to Obey' agus 'Crisis of Belief'.
Ann an 1964 chaidh a shuidheachadh mar Phroifeasair ann an Roinn Diadhaireachd Oilthigh Ghlaschu. Leig e dheth an dreuchd sin ann an 1984.
Bha ùidh mhòr aige ann an siubhal nam beann, agus shreap e na Rothaich air fad. Bha e na òraidiche ann an Ameireagaidh agus ann an Astràilia, agus bhiodh e a' searmonachadh ann am Beurla agus ann an Gàidhlig air an rèidio. Thàinig eachdraidh a bheatha a-mach anns an leabhar 'Padre Mac'.
Chaochail Murchadh Eoghainn san Ã’gmhios 2004, aig aois 89.

30 minutes

Last on

Sun 28 Apr 2019 21:00

An t-Oll Urr Murchadh Eòghainn Dòmhnallach

An t-Oll Urr Murchadh Eòghainn Dòmhnallach

An t-Oll Urr Murchadh Eòghainn Dòmhnallach

An t-Oll Urr Murchadh Eòghainn Dòmhnallach

Broadcasts

  • Sun 28 Apr 2013 21:00
  • Sun 1 May 2016 21:00
  • Sun 28 Apr 2019 21:00