21/04/2013
Còmhla ris an Urr Iain MacLeòid, an Eaglais Shaor Leantainneach. Gaelic religious service conducted by Rev John MacLeod, Free Church (Continuing).
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus a' leughadh a leanas,
Salm 139, 1-2 air fonn Kilmarnock, os cionn na seinn tha Coinneach Caimbeul le taic bho choitheanal Eaglais Naomh Chaluim Chille ann an Dùn Èideann.
Salm 51, 10-12 air fonn Martyrdom, os cionn na seinn tha an t-Urramach Dòmhnall M MacCoinnich le taic bho choitheanal Highland Tolbooth aig Eaglais Naomh Eòin ann an Dùn Èideann.
Salm 32, 1-2 air fonn St David, os cionn na seinn tha Gordon MacLeòid le taic bho Choitheanal Eaglais na h-Alba ann am Paibeil an Uibhist a Tuath.
Leughadh: Salm 19
Ceann teagaisg: Salm 19:12
Rugadh agus thogadh an t-Urramach Iain MacLeòid ann an sgìre Shiaboist ann an Leòdhas. Bha e a' teagasg ann an Obar Dheathain airson fichead bliadhna. Às dèidh sin chaidh e a-steach do Cholaist' na h-Eaglais Saoire ann an Dùn Èideann ann an 1980 's chaidh a ghairm gu coitheanal Dhuthail-Dorus (Duthel Dores) far an robh e na mhinistear gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 2006. Thill e a dh' fhuireach ann an Siabost far a bheil e cur seachad ùine a' leughadh, a' gà irnealaireachd agus a' searmonachadh ann an coitheanalan a tha bà n.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Sun 21 Apr 2013 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 21 Apr 2013 15:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal