Main content
Sorry, this episode is not currently available

Còmhla ris an Urr Dòmhnall M MacAonghais, Eaglais na h-Alba. A Gaelic religious service conducted by Rev Donald M MacInnes, Church of Scotland.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh an salm agus na laoidhean a leanas -
Salm 121 air a sheinn le Còisir Ghàidhlig Ìleach Ghlaschu agus na laoidhean An Teàrnadh Mìorbhaileach air a sheinn le Donaidh Murdo MacLeòid agus Mìorbhail Gràis air a sheinn le Mairi NicAonghais.
Leughadh - Litir an Abstoil Pòl a-chum nan Ròmanach 5: 12-21

Rugadh Mgr MacAonghais ann am Baile Ghobhainn, ann an Glaschu. Ach 's ann am baile Bhragair air taobh siar Leòdhais a thogadh e. Bha e ag obair aig roinn an ionmhais aig Comhairle nan Eilean Siar son seachd bliadhna agus às dèidh sin fhuair e obair a' teagasg ceòl ann an sgoiltean Leòdhais agus na Hearadh gus an deach e a-staigh son na ministearalachd ann an 1995. Tha e air a bhith na mhinistear air paraiste Gairbraid ann an sgìre Chnoc Màiri ann an Glaschu, bho 2011.
Bha e roimhe na bhall de Chomataidh Ciùil Eaglais na h-Alba agus cuideachd na rùnaire aig Comataidh Ghàidhlig na h-Eaglaise. Tha e na sheaplain aig Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu agus bha e roimhe a' stiùireadh còisir na sgoile cuideachd.
Tha taigh fhathast aig Mgr MacAonghais ann an Steòrnabhagh agus is caomh leis a bhith tilleadh ann airson saor-làithean.

Tha dà bhalach aig Mgr MacAonghais Joel agus Samuel agus tha e fhèin agus iad fhèin a' leantainn na 'Buddies' - sgioba ball-coise St Mirren - agus bha iad air an dòigh glan bho chionn ghoirid nuair a ghlèidh an sgioba a' chiad cupan ann an iomadach bliadhna.

Tha pìos talmhainn aig Mgr MacAonghais anns an ath bhaile far am bi e a' cur lusan - buntàta, càl agus currain - mar a thuirt e fhèin, "dìreach mar Fiollagan".

30 minutes

Broadcasts

  • Sun 14 Apr 2013 09:00
  • Sun 14 Apr 2013 15:00