12/04/2013
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. The week's letter for learners with Roddy MacLean.
Last on
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 717
Duration: 05:00
Litir 717: Iain Garbh - Pàirt 2
Seo criomag bàrdachd dhuibh. A bheil fios agaibh cò sgrìobh i agus cò dha a bha i?
Bu tu am fear curanta mòr,
Bu mhath cumadh, is treòir,
O d’ uilinn gu d’ dhòrn,
O d’ mhullach gu d’ bhròig,
Mhic Mhuire mo leòn,
Thu bhith ’n innis nan ròn,
’S nach fhaighear thu.
Uill, tha aon rud follaiseach, nach eil? Chan eil cuspair an dàin beò tuilleadh. Chaill e a bheatha le bhith air a bhàthadh aig muir. Tha e a-nise ann an ‘innis nan ròn’. A bharrachd air sin, ’s e duine làidir, eireachdail a bh’ ann.
’S e Iain Garbh Mac ’Ille Chaluim cuspair an dàin. B’ esan ceann-cinnidh nan Leòdach ann an Ratharsair – an seachdamh fear dhiubh. Bha e beò anns an t-seachdamh linn deug. Bha mi ag innse sgeulachd mu dheidhinn an t-seachdain sa chaidh. Ach bha sin à beul-aithris. Agus cha ghabh a h-uile càil à beul-aithris a chreidsinn!
’S e fìor dhuine a bh’ ann an Iain Garbh, ge-tà. Chaidh a chlàradh aig an àm sin gun do chaill e a bheatha le bhith air a bhàthadh. Sgrìobh Màiri nighean Alasdair Ruaidh an dàn dha, air a bheil ‘Marbhrann do dh’Iain Garbh’. Bidh daoine ga sheinn fhathast.
Bu mhath leam innse dhuibh mu bheatha is bàs Iain Ghairbh. Fhuair e ceannas air Clann ’ic Leòid Ratharsair ann an sia ceud deug, ceathrad ’s a h-ochd (1648). Bha e pòsta aig Seònaid, nighean Ruairidh Mòr Dhùn Bheagain. Bha e ainmeil. Bhathar ag ràdh gum b’ esan am fear a bu làidire agus a b’ eireachdaile a bha beò ri linn.
Fhuair e bàs ann an sia ceud deug, seachdad ’s a h-aon (1671). Bha e air a bhith ann an Leòdhas, far an robh cuirm co-cheangailte ri baisteadh fear no tè de chloinn nan Sìophortach. Faisg air costa an ear-thuath dhen Eilean Sgitheanach, ann an droch shìde, chaidh a’ bhirlinn aige fodha.
Chailleadh a h-uile duine – Iain Garbh agus sia duine deug eile. Bhathar ag ràdh gun robh an stoirm cho dona ’s gun robh clachan mòra a’ chladaich air an tilgeil don tìr. Bha a h-uile duine a’ caoidh a’ chall.
Ach an e an stoirm leatha fhèin a dh’adhbharaich an tubaist? Uill, tha e coltach gur dòcha gun robh rudeigin eile ceangailte ris a’ ghnothach – deoch làidir. Ann an Làmh-sgrìobhainn Chnoc Mhoire – rud ris an canar am Wardlaw Manuscript ann am Beurla – tha an t-Urramach Seumas Friseal a’ dèanamh aithris air a’ chùis. Agus tha esan a’ coireachadh deoch làidir. ‘Drunkenness did the mischief,’ sgrìobh e.
A rèir Mhgr Fhriseil, bha na Ratharsaich a’ gabhail deoch làidir air a’ chladach mus do sheòl iad. Thug fear Alasdair MacLeòid rabhadh do dh’Iain Garbh, ag ràdh ris nach bu chòir dha falbh air an latha sin. Bhiodh a h-uile duine air am bàthadh. Thuirt e sin trì tursan. Chan eil fhios agam cò Alasdair MacLeòid a bha sin. An robh an dà-shealladh aige? No an robh e dìreach a’ tomhas mar a bha an aimsir?
Co-dhiù, cha do ghabh Iain Garbh ri a chomhairle. Chaidh e air bòrd. Agus chan fhacas tuilleadh e. Cha tàinig corp sam bith gu tìr. Cha robh dad air a lorg ach sprùilleach bhon bhàta agus dà chù mharbh.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-chànain na Litreach
Bu tu am fear curanta mòr: You were the brave and great man. Bu is the past tense form of the assertive verb ‘is’. We might say ’s tu am fear as onaraiche dhiubh ‘you are the most honest man of them’. If we’re addressing somebody with the bu form, however, it really presumes they are no longer living. You might say to somebody who is alive bu tu am fear a bu làidire aig an àm sin ‘you were the strongest man at that time’. It’s grammatically correct but perhaps a little unnatural. That is why you will mostly come across this type of usage in panegyric poetry to departed subjects.
Gnàthas-cainnt na Litreach
Bha a h-uile duine a’ caoidh a’ chall: everybody was mourning the loss.
Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA
Broadcasts
- Fri 12 Apr 2013 11:55鶹 Radio nan Gàidheal
- Sat 13 Apr 2013 10:55鶹 Radio nan Gàidheal
- Sun 14 Apr 2013 14:55鶹 Radio nan Gàidheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.