Main content
Sorry, this episode is not currently available

Còmhla ri Hamish Mac an Tàilleir, ministear-cuideachaidh Eaglais na h-Alba, air an Tairbeart. Gaelic religious service conducted by Hamish Taylor, assistant-minister Tarbert CoS.

Ann an Dèanamaid Adhradh cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas : Salm 68: 7-8 air fonn London New, os cionn na seinn Dòmhnall Chapman le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Chroisabost. Salm 22: 22-24 air fonn Martyrdom, os cionn na seinn Dòmhnall Mac a' Ghobhainn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba air Sràid Gardner ann an Glaschu. Salm 23: 5-6 air fonn Evan, os cionn na seinn Iain Gillies Dòmhnallach le taic bho choitheanal Àrd Eaglais Steòrnabhaigh. Leughadh: Salm 23. Ceann-teagaisg: Salm 23:5

Rugadh Hamish Mac an Tàilleir ann an Fleòideabhagh sna Hearadh. Bha a mhàthair às an sgìre sin agus 's ann à Canada a bha athair ged a thogadh e anns na Hearadh. Chaidh Hamish oideachadh ann an Sgoil Mhànais agus ann an Àrd-Sgoil an Tairbeirt. Às dèidh an sgoil fhàgail bha e a' sàs ann an obair an iasgaich airson beagan bhliadhnaichean gus an do thill e gu foghlam aig àrd-ìre agus a thug e a-mach dreuchd Oifigear Radio còmhla ris a' Chabhlach Mharsanta. Chuir e seachad bliadhnaichean anns an dreuchd sin gus an do phòs e. Ghluais e an uairsin gu obair ùr, gu dreuchd innleadair dealain aig stèisean an Decca còmhla ri buidheann a bha a' toirt seirbheis treòrachaidh do bhataichean-mara agus do dh'itealain. Dh'fhuirich e anns an obair sin airson 35 bliadhna gus an do leig e dheth a dhreuchd. Chaith e a' mhòr-chuid den dreuchd sin anns an h-Eileanan an Iar, ann an Nis agus ann am Barraigh agus mar sin tha min-eòlas aige air na h-Eileanan bho cheann gu ceann, ach bha obair cuideachd ga thoirt gu àiteachan eile air feadh na rìoghachd agus ann an Èirinn.

'S ann à Griomasaigh an Uibhist a Tuath a tha Leacsaidh, bean Hamish agus tha dithis chloinne aca. Tha Seumas, am mac, na cheannard air obair innleadaireachd ann an Abu Dhabi agus tha sin a' toirt cothrom dha Hamish agus Leacsaidh a bhith a' siubhail a sin air saor-làithean. Tha an nighean aca, Fionnghal, a' fuireach nas fhaisg air an dachaigh, agus tha i pòsta anns an Òb, sna Hearadh. Tha ceathrar oghaichean aig Hamish agus Leacsaidh, dithis nighean an duine aig Seumas agus aig Fionnghal.

Tha Hamish air a bhith na èildeir ann an Eaglais na h-Alba airson 34 bliadhna. Chaidh a choisrigeadh mar Leughadair bho chionn 29 bliadhna agus tha e air a chleachdadh gu tric mar shearmonaiche na choitheanal fhèin agus air feadh nan eilean. Tha e air a bhith na bhall den chlèir a' chuid mhòr den ùine sin agus tha e cuideachd air a bhith na chlèireach air an t-seisean. Tha Hamish a' sàs ann am mòran bhuidheannan co-cheangailte ris an eaglais agus chaidh a' shuidheachadh cuideachd mar Mhodaràtair air Clèir Uibhist de dh'Eaglais na h-Alba ann an 1997 agus a-rithist ann an 2003.

Nuair nach bi e an sàs ann an gnothaichean eaglais agus a gheibh e ùine dha fhèin, bidh Hamish a' cur seachad tòrr ùine aig muir. Bhon a leig e dheth a dhreuchd tha e air a bhith a' toirt luchd-turais timcheall nan cladaichean anns an eathar aige gach samhradh. Tha sin na mhòr-thlachd dha oir tha e a' faighinn cothrom coinneachadh ri mòran theaghlaichean, a tha e fhèin ag ràdh "a tha a' toirt dha farsaingeachd-inntinn."

Chuir Hamish seachad mòran bhliadhnaichean mar bhall de Shiostam Èisteachd Chloinne anns an h-Eileanan agus tha e fhathast na bhall air iomadh buidheann coimhearsnachd ann an Ceann a Deas na Hearadh. Canaidh e fhèin nach robh e riamh cho dripeil 's a tha e air a bhith bho leig e dheth a dhreuchd, ach a rèir choltais, tha amharas aig a charaidean nach iarradh e a' chùis a bhith air a chaochladh!

Producer Angela MacKinnon.

30 minutes

Last on

Sun 18 Aug 2013 15:00

Hamish Mac an Tàilleir

Hamish Mac an Tàilleir

Rugadh Hamish Mac an Tàilleir ann an Fleòideabhagh sna Hearadh . Bha a mhàthair às an sgìre sin agus 's ann à Canada a bha athair ged a thogadh e anns na Hearadh.


Chaidh Hamish oideachadh ann an Sgoil Mhànais agus ann an Àrd-Sgoil an Tairbeirt. Às dèidh an sgoil fhàgail bha e a' sàs ann an obair an iasgaich airson beagan bhliadhnaichean gus an do thill e gu foghlam aig àrd-ìre agus a thug e a-mach dreuchd Oifigear Radio còmhla ris a' Chabhlach Mharsanta.


Chuir e seachad bliadhnaichean anns an dreuchd sin gus an do phòs e. Ghluais e an uairsin gu obair ùr gu dreuchd innleadair dealain aig stèisean an Decca còmhla ri buidheann a bha a' toirt seirbheis treòrachaidh do bhataichean-mara agus do dh'itealain. Dh'fhuirich e anns an obair sin airson 35 bliadhna gus an do leig e dheth a dhreuchd. Chaith e a' mhòr-chuid den dreuchd sin anns an h-Eileanan an Iar, ann an Nis agus ann am Barraigh agus mar sin tha min-eòlas aige air na h-Eileanan bho cheann gu ceann, ach bha obair cuideachd ga thoirt gu àiteachan eile air feadh na rìoghachd agus ann an Èirinn.

An teaghlach

An teaghlach

'S ann à Griomasaigh an Uibhist a Tuath a tha Leacsaidh, bean Hamish agus tha dithis chloinne aca. Tha Seumas, am mac, na cheannard air obair innleadaireachd ann an Abu Dhabi agus tha sin a' toirt cothrom dha Hamish agus Leacsaidh a bhith a' siubhail a sin air saor-làithean. Tha an nighean aca, Fionnghal, a' fuireach nas fhaisg air an dachaigh, agus tha i pòsta anns an t-Òb sna Hearadh. Tha ceathrar oghaichean aig Hamish agus Leacsaidh, dithis nighean an duine aig Seumas agus aig Fionnghal.


Tha Hamish air a bhith na èildeir ann an Eaglais na h-Alba airson 34 bliadhna. Chaidh a' choisrigeadh mar Leughadair bho chionn 29 bliadhna agus tha e air a' chleachdadh gu tric mar shearmonaiche na choitheanal fhèin agus air feadh nan eilean. Tha e air a bhith na bhall den Chlèir a' chuid mhòr den ùine sin agus tha e cuideachd air a bhith na chlèireach air an t-Seisean. Tha Hamish a' sàs ann am mòran bhuidheannan co-cheangailte ris an Eaglais agus chaidh a' shuidheachadh cuideachd mar Mhodaràtair air Clèir Uibhist de dh'Eaglais na h-Alba ann an 1997 agus a-rithist ann an 2003.

Seumas, Leacsaidh, Hamish agus Fionnghal

Seumas, Leacsaidh, Hamish agus Fionnghal

Tuilleadh chur-seachadan

Tuilleadh chur-seachadan
Nuair nach bi e an sàs ann an gnothaichean eaglais agus a gheibh e ùine dha fhèin, bithidh Hamish a' cur seachad tòrr ùine aig muir. Bhon a leig e dheth a dhreuchd tha e air a bhith a' toirt luchd-turais timcheall nan cladaichean anns an eathar aige gach samhradh. Tha sin na mhòr-thlachd dha oir tha e a' faighinn cothrom coinneachadh ri mòran theaghlaichean, a tha e fhèin ag ràdh "a tha a' toirt dha farsaingeachd-inntinn."
Chur Hamish seachad mòran bhliadhnaichean mar bhall den Siostam Èisteachd Chloinne anns an h-Eileanan agus tha e fhathast na bhall air iomadh buidheann coimhearsnachd ann an Ceann a Deas na Hearadh. Canaidh e fhèin nach robh e riamh cho dripeil 's a tha e air a bhith bho leig e dheth a dhreuchd, ach a rèir choltais tha amharas aig a charaidean nach iarradh e a' chùis a bhith air a chaochladh!

Broadcasts

  • Sun 24 Feb 2013 09:00
  • Sun 24 Feb 2013 15:00
  • Sun 18 Aug 2013 09:00
  • Sun 18 Aug 2013 15:00