Còmhla ris an Urr Ìomhair Mà rtainn
Seirbheis bho 2013 còmhla ris an Urr Ìomhair Mà rtainn, ministear Eaglais Shaor Steòrnabhaigh. Gaelic religious service from 2013 with Rev Iver Martin, Stornoway Free Church.
Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 122: 1-2 air fonn London New agus 's e Calum Greumach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Garabost.
Salm 73: 24-25 air fonn Stornoway agus 's e D R Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Steòrnabhaigh.
Salm 40: 1-3 air fonn Ballerma agus os cionn na seinn tha Murchadh MacÌomhair le taic bho choitheanalan Eaglaisean Leòdhais agus na Hearadh.
Leughadh: 1 Rìghrean 19: 1-13
Ceann-teagaisg: 1 Rìghrean 19:13
B' ann an sgìre Phà islig ann an Glaschu a rugadh 's a thogadh Ìomhar Mà rtainn - bha athair aig an à m na mhinistear aig an Eaglais Shaor anns an sgìre.
Às dèidh an sgoil fhà gail chaidh Ìomhar gu Colaiste Raibeart Gordon's ann an Obar Dheathain far na cheumnaich e ann an eileagtronaigs ann an 1980. Fhuair e obair na innleadair ann an gnìomhachas micro-eileagtronaigeach far an robh e airson dusan bliadhna.
Ann an 1992 chaidh Ìomhair gu Colaiste na h-Eaglaise Saoire ann an Dùn Èideann airson foghlam na ministrealachd a thoirt a-mach.
Chuir e seachad ùine ghoirid ann an Steòrnabhagh an toiseach nuair a thà inig e mach na mhinistear agus às a sin chaidh e a dh'eaglais Bon Accord ann an Obar Dheathain airson sia bliadhna. Ghluais e an uair sin gu Eaglais Shaor Steòrnabhaigh agus ann an 2015 chaidh ainmeachadh mar Phrionnsabal air Sgoil Dhiadhaireachd Dhùn Èideann.
Tha Maighstir Mà rtainn pòsta aig Mà iri agus tha sianar chloinne agus ochdnar oghaichean aca. Is caomh leis a bhith dèanamh tòrr leughaidh nuair a gheibh e ùine dha fhèin.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Sun 17 Feb 2013 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 17 Feb 2013 15:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 28 Jan 2024 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal