Main content
Sorry, this episode is not currently available

Sgoilearan 's co-obraichean a' cuimhneachadh air teagasg Thormod Mhicleòid, Am Bàrd Bochd. Former pupils and co-workers recall Norman Macleod's advanced teaching style and methods.

B' e neach-teagaisg, bàrd, sòisealach, fear-cruinneachaidh òrain 's beul-aithris agus Gàidheal gu smior a bh'ann an Tormod Macleòid. Rugadh e ann a Port Mhollair sa Rudha a Leòdhas agus bha e a' teagasg ann a Sgoil Loch Croistein an Ùig, a Sgoil a' Chnuic sa Rudha agus ann a Sgoil Lìonail ann a Nis. Bhiodh e a' sgrìobhadh deilbh-chluiche ghoirid a bhiodh aig a' chloinn; a' cruinneachadh facail, abairtean, òrain agus sean-fhacail còmhla riutha; a' sgrìobhadh a h-uile càil le aon chorraig air typewriter; agus an uair sin a' dèanamh leabhraichean de na chruinnich e air am biodh e fhèin a' cur còmhdach. Bha tape recorder aige cuideachd agus 's iomadh òran is eile a chlàr e leis. Bhàsaich Tormod ann a 1968. Anns a' phrògram seo, cluinnidh sinn mu na dòighean teagasg a bh'aige agus an tarraing a bh'ann mar thidsear bho fheadhainn a bha nan sgoilearan aige agus a bha a' teagasg aig an aon àm ris. Cluinnidh sinn sgoilearan a chlàr e leis an teip recorder agus cluinnidh sinn bho sgoilearan a bha a' cruinneachadh facail is eile dha.
Norman Macleod, Am Bàrd Bochd, was a teacher, poet, writer, socialist, collector and conservator of Gaelic song and oral tradition, and a Gael to his very core. He was passionate about all the spheres in his life and exuded warmth, humour and commitment in each. Norman worked tirelessly and incessantly to preserve and advance the Gaelic language and culture in all its forms but shunned any recognition or accolade. He was a man ahead of his time whose death in 1968 was untimely, but he left, in his collection and works, a lasting legacy worthy of acknowledgment. In this programme, we hear from former pupils and fellow teachers who recall his unique style and method of teaching which were both advanced and unorthodox at the time.

30 minutes

Last on

Sun 10 Feb 2013 13:00

Broadcasts

  • Mon 4 Feb 2013 13:30
  • Mon 4 Feb 2013 22:00
  • Sun 10 Feb 2013 13:00