Main content
Sorry, this episode is not currently available

13/12/2012

Mark Wringe a' toirt sùil air an leabhar Saoghal An Treubhaiche le Aonghas MacIllFhialain. Mark Wringe and guests discuss Angus MacLellan's memoir, Saoghal An Treubhaiche.

Bha Aonghas MacIllFhialain (Aonghas Beag Aonghais 'ic Eachainn), a rugadh ann an Uibhist a Deas ann an 1869, na sgeulaiche cliùiteach a bhuinneadh do theaghlach a tha ainmeil airson beul-aithris.

Anns a' phrògram seo tha Mark Wringe a' toirt sùil air an leabhar Saoghal An Treubhaiche, eachdraidh-beatha Aonghais, mar a thug e i do dh' Iain Lathurna Caimbeul (Fear Chanaidh). Anns an leabhar, tha Aonghas a' toirt sùil air ais air dòigh-beatha a th' air a dhol à bith, is e a' cuimhneachadh air a bheatha mar chroitear agus iasgair agus na bliadhnachan a chuir e seachad ag obair air tuathanasan air tìr-mòr.

A' còmhradh mun a' leabhar còmhla ri Mark tha Iain Aonghas Dòmhnallach a tha càirdeach do dh' Aoghnas (b' e Aonghas bràthair a sheanmhar) agus Bill Innes à Uibhist a Deas.

1 hour

Last on

Sun 16 Dec 2012 09:30

Broadcasts

  • Thu 13 Dec 2012 13:30
  • Thu 13 Dec 2012 22:00
  • Sun 16 Dec 2012 09:30