04/11/2012
Còmhla ri Dòmhnall I Moireasdan, soisgeulaiche san Eaglais Shaor Leantainneach, Inbhir Nis. Gaelic service conducted by Donald J Morrison, Free Church (Continuing) Missionary.
'S e Dòmhnall Iain Moireasdan, a tha na shoisgeulaiche aig an Eaglais Shaor Leantainneach, a tha searmonachadh ann an Dèanamaid Adhradh air an t-seachdain seo.
Anns an t-seirbheis, cluinnidh sibh na sailm is leughadh a leanas:
Salm 1: 102 air fonn London New. Os cionn na seinn - an t-Urr Seumas MacÌomhair le taic bho Choitheanal Eaglais Shaor Chille Bhrìghde an Ear.
Salm 89: 15-16 air fonn Torwood. Os cionn na seinn - Alasdair MacLeòid le taic bho Choitheanal Eaglais Shaor Shnisort san Eilean Sgiathanaich.
Leughadh : Salm 1
Ceann-teagaisg: Salm 1.
Last on
Dòmhnall Iain Moireasdan
'S e Dòmhnall Iain Moireasdan a tha na shosgeulaiche aig an Eaglais Shaor Leantainneach ann an Inbhir <?xml:namespace prefix = st1 ns = "urn:schemas-microsoft-com:office:smarttags" />Nis a tha gu bhith searmonachadh ann an Dèanamaid Adhradh na seachdain seo.
<?xml:namespace prefix = o ns = "urn:schemas-microsoft-com:office:office" />
'S e Scalpach a th’ann an Dòmhnall Iain, agus mar a thuirt e fhèin “rugadh agus thogadh mi san àite is brèagha de dh’Alba agus am pìos is fheàrr dha na Hearadh” Tha Dòmhnall Iain pòsta aig Heidi às an Òlaind agus tha balach beag aca Calum.
Mas deach Dòmhnall Iain gu Seminary na Diadhachd ann an Lunnainn, bha e gu mòr an sàs ann an obair leasachaidh às a sgìre aige fhèin – bha e air fhasdadh aig companaidh Leasachaidh na Hearadh Earr son còig bliadhna. Anns an ùine sin bha e sàs ann am pròiseactan leasachaidh anns a choimhearsnachd, a’ toirt a staigh còrr air da mhillean not de thaic airgid bhon a roinn phoblach agus phrìobhaideach airson pròiseactan a bha nam buannachd dhan a sgìre a bha e riochdachadh.
Dh’fhàg e a dhreuchd ann an dà mhìle agus chaidh e gu Colaiste na Diadhachd ann an Lunnainn far an do chuir e seachad tri bliadhna.
Tha Dòmhnall Iain air a bhith na Chrìosdaidh bho 1988 as dèidh tubaist car far an do chaill boireannach a beatha. Tha e an dràsta na mhiseanàraidh dachaidh leis an Eaglais Shaor Leantainneach ann an Inbhirnis agus mar phàirt dhan an obair aige bithidh e siubhail gu deifir sgìrean ann an Alba agus air feadh an t-saoghail a toirt an t-soisgeal gu aire dhaoine. Gu math tric ‘sann a muigh air an t-sràid a bhitheas e a searmonachadh.
Tha ùidh mhòr aig Dòmhnall Iain ann a Moldova air taobh an Ear na Roinn Eòrpa – tha e air tadhail an sin tri tursan sna còig bliadhna mu dheireadh. Tha tòrr bochdainn as an sgìre seo agus tha Dòmhnall Iain air a thàladh ann leis a bhuaidh a th’aig suidheachadh nan daoine bochd air agus cuideachd an tarraing spioradail. Tha Dòmhnall Iain an dòchas àite ur a thogail dhaibh mar “Taigh Ùrnaigh” agus cuideachd taic a thoirt dhan na teaghlaichean bochda, ‘s le sin tha e air iomairt a thòiseachadh son mu £50,000 a thogail son an cuideachadh.
Broadcasts
- Sun 4 Nov 2012 09:00鶹 Radio nan Gàidheal
- Sun 4 Nov 2012 15:00鶹 Radio nan Gàidheal