Main content
Sorry, this episode is not currently available

Làithean tràth Thormoid an Dùn Èideann

Episode 5 of 8

An sgrìobhaiche Tormod Caimbeul an Dùn Èideann far a robh e ag obair na òige sna 60an. The writer Norman Campbell discusses his time in Edinburgh in the 1960s with Maureen Macleod.

Rugadh agus thogadh an sgrìobhadair, an neach-teagaisg agus an fhìor Niseach, Tormod Caimbeul, Tormod a' Bhocsair ann an Dail bho Dheas, Leòdhas. Sgrìobh e grunn leabhraichean do dh' inbhich leithid Deireadh an Fhoghair, An Druim bho Thuath, Shrapnel agus An Naidheachd bhon Taigh. Do chloinn bha Uilleam Ban agus an Iolaire, A' Chailleach Chrubach, Dòmhnall mac Dhòmhnaill mac Dhòmhnaill, agus Cathal Garg is a Hearach. Chruinnich e cuideachd rannan do chloinn agus chàich anns a' leabhar àlainn Air do Bhonnagan a Ghaoil agus dh'eadar-theangaich e samhail Tè Bheag a' Ghruffalo is leabhraichean Katie Morag do chloinn.

Nuair a bha Tormod 70 bliadhna san Dàmhair 2012, dh' iarr sinn air Maureen NicLeòid, a rugadh 's a thogadh san aon bhaile ris, cuairt a ghabhail le Tormod an Dail bho Dheas agus ann an Dùn Èideann far a robh e na oileanach agus a' cosnadh. Anns an t-sreath phrògraman a tha seo cluinnidh sinn mu na thug buaidh air Tormod.

An Dùn Èideann tha e a' dèanamh dealbh air an taigh far a robh e fhèin agus balaich eile bhon taigh a' fuireach agus mar a chuir e eòlas air fear à Obair Dheathain a bha san aon rùm ris a bha na phoileas an Dùn Èideann. Dh'ionnsaich Tormod tòrr bhuaithe mu dhaoine a chuir e gu feum a' dealbhachadh charactaran sna nobhailean agus na sgeulachdan aige às dèidh sin.

Bha Tormod ag obair aig a' rèile aig an àm sin agus cha bheag na sgeulachdan a th'aige mu obair agus mu na bha tachairt dha fhèin agus balaich Leòdhais nuair a gheibheadh iad cruinn.

Bhàsaich Tormod sa Chèitean 2015 aig aois 72. Chaidh an cruinneachadh mu dheireadh de na sgeulachdan goirid aige, Sgeulachdan sa Chiaradh, fhoillseachadh le Acair san Dàmhair.

30 minutes

Last on

Sun 7 Feb 2016 10:00

Clip

Broadcasts

  • Wed 31 Oct 2012 13:30
  • Wed 31 Oct 2012 22:00
  • Sun 4 Nov 2012 10:30
  • Tue 2 Feb 2016 12:00
  • Tue 2 Feb 2016 22:00
  • Sun 7 Feb 2016 10:00