Main content
Sorry, this episode is not currently available

Còmhla ris an Urr Ùisdean Stiùbhart, Eaglais na h-Alba ann an sgìr' Ùig agus Bheàrnaraigh. Religious service conducted by Rev Hugh Stewart, Uig and Bernera Church of Scotland.

Air an t-seachdain seo ann an Dèanamaid Adhradh, cluinnidh sibh ministear Eaglais na h-Alba ann an sgìre Uig' agus Bheàrnaraigh, an t-Urr Ùisdean Stiùbhart, a' searmonachadh.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm is an leughadh a leanas:

Salm 133: 1-3 air fonn Free Church, os cionn na seinn Murchadh MacLeòid, le taic bho Choitheanal Eaglais Shaor an Rubha.

Salm 90: 1-2 air fonn Bangor, os cionn na seinn Calum MacIllInnein, le taic bho Choitheanal Eaglais na h-Alba air Sràid Gardner ann an Glaschu.

Salm 122 air fonn Stornoway, os cionn na seinn Coinneach A MacAoidh, le taic bho Choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Ùige, Leòdhas.

Leughadh: Salm 122
Ceann-teagaisg: Salm 122 V1

Rugadh agus thogadh Ùisdean Stiùbhart anns an Rubha ann an Leòdhas. Mus deach e a leantainn dreuchd na Ministrealachd bha Mgr Stiùbhart ag obair aig Roinn an Fhoghlaim aig Còmhairle nan Eilean Siar. Nuair a bha e anns an obair seo fhuair e an cothrom coinneachadh ri daoine air feadh nan eilean agus bha seo na chuideachadh agus na thaic mhòr dha nuair a chaidh e a leantainn na dreuchd ùir aige.

Chaidh Mgr Stiùbhart a phòsadh ri coitheanal Eaglais na h-Alba an sgìr' Ùig is Bheàrnaraigh anns an Ògmhios 2008. 'S e coitheanal gu math mòr a th' ann a thaobh meud na sgìre agus àite far am faigh thu cuid de na seallaidhean as brèagha ann an Alba.

'S ann taobh a-staigh a' choitheanail seo a bha an dùsgadh bu mhotha a ghabh àite anns na h-Eileanan anns na 1820s. Bha aithrisean ann gun robh mu 7000 neach a' frithealadh sheirbheisean comanachaidh mun àm sin.

Phòs Mgr Stiùbhart agus Joanne Mhoireach, an seinneadair agus a' bhean-ghlùine, bho chionn ghoirid.

30 minutes

Last on

Sun 21 Jul 2013 15:00

An t-Urramach Ùisdean Stiùbhart

An t-Urramach Ùisdean Stiùbhart

Rugadh agus thogadh Ùisdean Stiùbhart anns an Rubha ann an Leòdhas. Mus deach e a' leantainn dreuchd na Ministrealachd bha Mgr Stiùbhart ag obair aig Roinn an Fhoghlaim aig Còmhairle nan Eilean Siar. Nuair a bha e anns an obair seo fhuair e an cothrom coinneachadh ri daoine air feadh nan eileanan agus bha seo na chuideachadh agus na thaic mhòr dha nuair a chaidh e a' leantainn na dreuchd ùir aige.<?xml:namespace prefix = o ns = "urn:schemas-microsoft-com:office:office" />

Ìý

Chaidh Mgr Stiùbhart a phòsadh ri coitheanal Eaglais na h-Alba an sgìr' Ùig is Bheàrnaraigh anns an Ògmhios 2008. 'S e coitheanal gu math mòr a th'ann a thaobh meud na sgìre agus àite far a faigh thu cuid dhe na seallaidhean as brèagha ann an Alba.

Ìý

'S ann taobh a-staigh a' choitheanail seo a bha an dùsgadh bu mhotha a ghabh àite anns na h-Eileanan anns na 1820s. Bha aithrisean ann gun robh mu 7000 neach a' frithealadh seirbheisean comannachaidh timcheall an àm sin.

Broadcasts

  • Sun 7 Oct 2012 09:00
  • Sun 7 Oct 2012 15:00
  • Sun 21 Jul 2013 09:00
  • Sun 21 Jul 2013 15:00