Còmhla ris an Urr Tomaidh MacFhionghain
Còmhla ris an Urr Tomaidh MacFhionghain bhon Eaglais Shaor, 2012. Gaelic religious service from 2012 conducted by Rev Tommy MacKinnon, minister with the Free Church of Scotland.
Annns an t-seirbheis an-diugh cluinnidh sibh an t-Urr Tomaidh MacFhionghain a’ searmonachadh.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 36: 9-10 air fonn Coleshill agus ‘s e Iain Ailig MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho Choitheanal Eaglais Shaor Ùige san Eilean Sgiathanach.
Salm 98: 1-2 air fonn London New agus ‘s e Eòin Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho Choitheanal Eaglais na h-Alba ann am Port Rìgh.
Salm 103: 5-7 air fonn Torwood agus ‘s e Iain MacFhionghain a tha os cionn na seinn le taic bho Choitheanal Eaglais na h-Alba ann am Port Rìgh.
Leughadh: Ieremiah 18: 1-11
Ceann-teagaisg: Ieremiah 18
'S ann às an Aodann Bhà n, san Eilean Sgiathanach, a tha Mgr MacFhionghain agus chaidh e gu Àrd-sgoil Phort Rìgh gus an robh e còig deug. Às dèidh an sgoil fhà gail, fhuair e obair a' cà radh innealan.
Phòs Mgr MacFhionghuin a bhean, Julia, ann an 1975 agus bha triùir chloinne aca, dithis bhalach agus nighean, agus a-nise tha dithis òghaichean aige.
Às dèidh tubaist le cà r ann an 1984, cho-dhùin Mgr MacFhionghain gun robh e dol a dhèanamh foghlam aig à rd-ìre agus thill e air ais dhan sgoil ann an 1989/90 far an d'fhuair e teisteanas ann an Gà idhlig, Beurla agus Nuadh-Eòlas. Dh'aontaich Eaglais na h-Alba a ghabhail airson trèanadh a bhith na mhinistear agus chaidh e gu Oilthigh Obar Dheathain.
Bha Mgr MacFhionghain na mhinistear ann an sgìre Earra Ghà idheal airson dà bhliadhna agus an uairsin chaidh e a dh'Uibhist a Tuath far an robh e seachd bliadhna, agus às an sin gu Siorrachd Rois, far an robh e na mhinistear ann an Cille Mhoire agus Lagaidh Eararaidh. Tha Mgr MacFhionghain an-diugh a' searmonachadh ann an coitheanalan san Eaglais Shaor agus ann an Eaglais na h-Alba.
Tha ùidh mhòr aig Mgr MacFhionghain ann an innealan, gu h-à raidh ann am motair-baidhsagalan, ged nach bi e a' dèanamh na h-uimhir leotha a-nise.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Sun 30 Sep 2012 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 30 Sep 2012 15:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 21 Jan 2024 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal