09/09/2012
Seirbheis à tasglann a' BhBC còmhla ris an Urr Dòmhnall Peutan, Eaglais Ghlinn-Eilge is Chinn Tàile. Gaelic archive service from 1990 with Rev Donald Beaton, Glenelg & Kintail.
Air an t-seachdain seo ann an Dèanamaid Adhradh à tasglann a' BhBC, cluinnidh sibh seirbheis còmhla ris an Urramach Dòmhnall Peutan a bha na mhinistear mu dheireadh ann an Gleann Eilge agus Chinn t-Saile mas do leig e dheth a dhreuchd.
Anns an t-seirbheis an diugh cluinnidh sibh na sailm is leughadh a' leanas:
Salm 16: 5-7 air fonn Moravia, os cionn na seinn bha an t-Urramach Iain Mac a' Ghobhainn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Loch na Madadh.
Salm 30: 11-12 air fonn London New, os cionn na seinn Iain MacLeòid le taic bho choitheanal Àrd Eaglais Steòrnabhaigh.
Leughadh: Philippians 4: 4-13
Ceann teagaisg: Philippians 4: 19.
Last on
An t-Urramach Dòmhnall Peutan
Rugadh an t-Urramach Dòmhnall Peutan anns an Dàmhair 1932 agus bha an teaghlach a fuireach ann Cul nan Cnoc fàisg air Stafainn san Eilean Sgiathanach. Bha athair na Mhiseanaraidh aig Eaglais na h-Alba san sgìre sin aig an àm. Bha ceithrear san teaghlach aca, e fhèin agus a thrìuir bhraithrean. Chaidh Mgr Peutan gu bun sgoil Stafainn na oige agus gu Àrd Sgoil Phortrigh agus Sgoil Cheann a’ Ghiuthasaich airson foghlum aig àrd ìre. <?xml:namespace prefix = o ns = "urn:schemas-microsoft-com:office:office" />
Chaidh e a dhèanamh seirbheis naisteanta gu feachd an adhair ann an 1950 agus as dèidh tilleadh dhachaidh an ceann da bhliadhna chaidh e air ais dhan fhoghlum far an robh e a’ frithealadh Oilthigh Dhùn Èideann. Cheumnaich e às an oilthigh le MA agus BD.
Bha Mgr Peutan airson ùine na mhinisdear cuideachaidh aig a “Highland Tolbooth” ann an Dun Èideann. Chaidh e fhein an uairsin a-staigh airson a mhinistearachd. Chaidh a phosadh ris a chiad choitheanal aige, an eaglais Ghàidhlig ann an Grianaig ann an 1961
Aig toiseach a Mhàirt 1965 chaidh Mgr Peutan na mhinisdear cuideachaidh dhan airm. Bha e a toirt taic do na deifir reiseamaidean agus chur e seachad na bliadhnaichean mu dheireadh na mhinisdear-airm aig an airm ann am Beinn a’ Bhaoghla.
Bha Mgr Peutan a searmonachadh ann an sgìre Chille Mhoire is Steinnseall airson greis mas deach a phosadh ri coitheanal Ghleann Eilge is Chinn t-Saile far an do chrìochnaich e na bliadhnaichean mu dheireadh aige na mhinistear air coitheanal. Leig e dheth a dhreuchd ann an 2002.
Bha Mgr Peutan posda aig Ishbel Tolmie, choinnich iad nuair a bha an dithis aca nan oiltheanaich ann an Dùn Èideann. Bha aon nighean aca Catriona, tha ise posda shios ann a Sasainn aig am ball-parlamaid Toriach Padraig Mercer.
Bhasaich a bhean phosda Peutan bho chionn ghoirid as deidh stròc a ghabhail. Tha Mgr Peutan an diugh a fuireach ann an Cillmoluaig san Eilean Sgiathanach.
Se duine easgaidh agus sona na ghnè a th’ann am Mgr Peutan, sgoilear comasach le intinn bheo , agus bha e na shearmonaiche comasach” – tha seo a reir Ministearan eile a tha eolach air.
Bhiodh Mgr Peutan a’ leughadh torr agus nuair a bha e san airm bha e ainmichte na shreapadair-beinne.
Broadcast
- Sun 9 Sep 2012 21:00鶹 Radio nan Gàidheal