Seirbheis bho 1996 còmhla ris a' Chanan Iain A Mac a' Bhreatannaich 2/2
2/2 Seirbheis à tasglann a' BhBC bho '96 còmhla ris a' Chanan I A Mac a' Bhreatannaich nach maireann. A Gaelic religious archive service conducted by the late Canon JA Galbraith.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na laoidhean is leughaidhean a leanas:
Còisir Naomh Peadair a' seinn "An Crann Ceusaidh agus Thighearna ar Dòchais"
Mairi C NicNèill a' seinn " A Mhoire Mhin Gheal"
Leughaidhean : 1 Samuel 26: 2,7 & 9
Luc 6: 27-38
Ceann-teagaisg: Luc 6:27
Rugadh Iain Aonghas Mac a' Bhreatannaich neo 'an Canan' mar a b' fheà rr a dh'aithnichear e, ann am baile Bhrèibhig ann am Barraigh ann an 1945. Ghluais an teaghlach aige dhan Òban nuair a bha e gu math òg. B' ann às dèidh sin 's gun e ach dusan bliadhna a dh'aois a dh'fhairich e ann fhèin gun robh ceangal daingeann agus là idir aige ris an eaglais agus ri chreideamh agus cha robh fada gus an deach e a dh'ionnsaigh dreuchd na sagartachd.
Às dèidh dreuchd sagairt a thoirt a-mach anns a' Ghiblean 1971, chuireadh e gu paraiste Naomh Peadair ann an Dalabrog na shagart-cuideachaidh agus 's ann as an dearbh pharaiste a chrìochnaich e na là ithean mu dheireadh dha bheatha. A bharrachd air paraiste Dhalabroig bha e cuideachd na shagart ann an sgìrean eile leithid Ceann Loch Chille Chiarain agus an t-Òban.
Bha an Canan Iain Aonghas daingeann na chreideamh. Bha e airson daoine a thà ladh air ais dha na h-eaglaisean agus rinn e obair mhòr ann a bhith dèanamh sin. Bha urram aig daoine dha, sean is òg, agus bha sin gu math follaiseach bhon à ireamh dhaoine a thà inig chun na seirbheisean a chaidh a chumail ann an Glaschu, san Òban agus an Uibhist nuair a bhà saich e gu h-obann ann an 2006.
Bha ùidh mhòr aig a' Chà nan anns a' Ghà idhlig agus ann an cultar agus dualchas na sgìrean is e an còmhnaidh deònach pà irt a ghabhail agus taic a thoirt do phròiseactan, seirbheisean agus prògraman Gà idhlig. Bha ùidh aige as a' choimhearsnachd a bha e a' frithealadh, agus e an còmhnaidh a' toirt taic agus a' feuchainn ris a' chà nan agus an cultar a ghleidheadh. Chruinnich e na h-ùrnaighean anns a' Ghà idhlig agus tha iad a-nis rim faighinn air là rach-lìn na sgìr-easbaig mar chuimhneachan air. Bidh cuimhne aig daoine air airson an strì agus an taic a thug e dhan choimhearsnachd aige fhèin nuair a bhathar a' feuchainn ri seirbheisean a ghleidheadh ann an Ospadal Dhalabroig agus foghlam aig à rd-ìre a ghleidheadh san à rd-sgoil anns a' sgìre.
Last on
Broadcasts
- Sun 12 Aug 2012 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 2 Oct 2016 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal