Main content
Sorry, this episode is not currently available

Còmhla ri Alasdair MacAmhlaigh, oiltheanach san treas bliadhna, Colaiste na h-Eaglaise Saoire. Gaelic worship conducted by Alasdair MacAulay, student at the Free Church College.

Air an t-seachdain seo gheibh sibh cothrom eile eisteachd ris a chiad seirbheis a chlar Alasdair MacAmhlaigh dhuinn agus e na oileanach ann an Colaiste na h-Eaglaise Saoire aig an àm. Tha Alasdair a-nise deiseil dhan a chursa agus bho chionn sheachdainean chaidh cead-searamonachaidh a' thoirt dha.

Ach chan eil e na annas sam bith an guth aig Alasdair a chluinntinn air an rèidio, mus deach e a-staigh airson na ministearalachd, chuir e seachad iomadach bliadhna mar neach naidheachd ann an Steòrnabhagh.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh an t-seinn a leanas:

Salm 89: 15-16 air fonn Kilmarnock, os cionn an t-seinn Aonghas Dòmhnallach le taic bho choitheanal Eaglais Shaor a' Bhac.

Salm 65:2-3 air fonn St David, os cionn an t-seinn Dòmhnall Iain Dòmhnallach le taic bho Eaglais na h-Alba ann am Barbhas.

Salm 9:9-10 air fonn Evan, os cionn an t-seinn an t-Urr Niall Sheathach le taic bho choithional Eaglais Shaor nam Manach Liath ann an Dùn Èideann.

Leughadh: Eòin 1:29-46.

Ceann teagaisg : Eòin 1:39.

30 minutes

Last on

Sun 1 Jul 2012 15:00

Broadcasts

  • Sun 1 Jul 2012 09:00
  • Sun 1 Jul 2012 15:00