24/06/2012
Còmhla ris an Urr Seumas MacIomhair, Eaglais Shaor a' Chnuic san Rubha ann an Leòdhas. Gaelic religious service conducted by Rev James MacIver, Knock Free Church, Point.
Air an t-seachdain seo 's e an t-Urramach Seumas MacIomhair, ministear Eaglais Shaor a' Chnuic san Rudha a tha searmonachadh ann an Dèanamaid Adhradh.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm a leanas:
Salm 23: 1 air fonn Evan, os cionn na seinn Alasdair Greumach le taic bho choitheanal Eaglaisean Steòrnabhaigh
Salm 6: 1-2 air fonn Walsall, os cionn na seinn Iain MacAsgail le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Tholastaidh bho Thuath.
Salm 89: 15-16 air fonn Kilmarnock, os cionn na seinn Aonghas Dòmhnallach le taic bho choitheanal Eaglais Shaor a' Bhac.
Leughadh: Lucas 5: 12-26
Ceann teagaisg: Lucas 5: 12.
Last on
More episodes
Previous
An t-Urr Seumas MacIomhair
‘S ann do sgìre Thunga ann an Leòdhas a bhuineas Mgr MacIomhair a tha air a bhith na mhinistear ann an Eaglais Shaor a’ Chnuic son còrr air deich bliadhna, bha e roimhe sin ann an Eaglais Shaor Gille Brighde an Ear ann an Glaschu. Bhon bhliadhna 2000 tha e air a bhith na phrìomh neach chlèireach do dh’Àrd-sheanadh na h-Eaglaise Saoire. ‘S e am Moderator a bha air Àrd-sheanadh na h-Eaglaise Saoire an uiridh.
Chaidh Mgr MacIomhair na òige gu bun-sgoil Thunga agus às an sin gu Sgoil MhicNeacail, Oilthigh Ghlaschu, Oilthigh Lunnainn agus Colaiste na h-Eaglaise Saoire.
Tha e pòsta aig Donna agus tha trìuir a theaghlach aca agus sianar oghaichean. Nuair a gheibh e ùine dha fhèin bidh e ag èisteachd ri ceòl clasaigeach, a’ cluich goilf agus a’ leughadh.
Broadcasts
- Sun 24 Jun 2012 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 24 Jun 2012 15:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal