Sùil air ais
Sgrìob air ais tron cheòl 's na sgeulachdan a bh' anns na ceithir prògraman mu dheireadh. A schools programme to support music teaching in the upper stages of primary school.
hairis air an t-sreath bha Sà ra agus Liam, a tha ag obair ann am bùth siubhail, a' toirt seachad fiosrachadh mu chuid de na dùthchannan air an do chuir iad eòlas nan obair. Tron seo chuala sinn sgeulachdan agus pìosan ciùil a bhuinneas do dhiofar dhùthchannan.
Anns a' phrògram seo tha sinn a' toirt sùil air ais tro na ceithir prògraman mu dheireadh 's a' cluinntinn sgeulachdan agus ag ionnsachadh mu cheòl às a' Bhreatainn Bhig, Nigeria, an Ruis agus à Alba.
Tha na prògraman seo air an cruthachadh gus taic a thoirt do dh'obair ann an ceòl aig an dà rna ìre den Churraicealam airson Sà r-mhathais. Tro a bhith ag èisteachd 's ag obair le na prògraman, bheir iad cothrom dhan chloinn: an guthan a chleachdadh agus ionnstramaidean a chluich, tuigse fhaighinn air bunaitean a' chiùil, ceòl a chruthachadh, eòlas a chur air dòighean gus ceòl a sgrìobhadh agus faclan ùra co-cheangailte ri ceòl ionnsachadh agus a chleachdadh. Tha notaichean tidseir rim faighinn aig bbc.co.uk/foghlam.
Last on
Broadcasts
- Fri 22 Jun 2012 11:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sat 23 Jun 2012 10:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 24 Jun 2012 14:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal