An t-Urr Iain (Jack) Macleòid à Siabost 1992
Seirbheis à tasglann a' BhBC bho 1992 còmhla ris an Urr Iain (Jack) Macleòid à Siabost, nach maireann.
Archive service from 1992 with Rev John (Jack) Macleod from Shawbost.
Anns an t-seirbheis, cluinnidh sibh na sailm is an leughadh a leanas:
Salm 16 : 8-9 air fonn Kilmarnock agus ‘s e Aonghas MacAoidh a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Chà rlabhaigh.
Salm 103: 5-7 air fonn Coleshill agus ‘s e an t-Urr Niall Seathach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Caol a' Ghearastain.
Salm 116: 7-8 air fonn Ballerma agus ‘s e Dòmhnall MacSuain a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Sgalpaigh.
Leughadh: Soisgeul Eòin 6, 24-40
Ceann-teagaisg: Soisgeul Eòin 6, 37
Rugadh an t-Urramach Iain MacLeòid (Jack) ann an Detroit, a chiad mac aig Ceit agus Murchadh MacLeòid à Siabost. Dh’imrich athair is mà thair Mhgr Mhicleòid gu Detroit anns na ficheadan – gu h-iongantach ged a b’ ann à Siabost a bha an dithis ‘s ann an Detroit a choinnich iad agus a phòs iad. Rugadh Jack anns an Ògmhios 1926, cha robh e ach bliadhna a dh’aois nuair a thill e fhèin agus a phà rantan air ais a Leòdhas.
Rugadh an còrr dhan teaghlach ann a Siabost, dà nighean agus dà bhalach. Chaidh Mgr MacLeòid a Bhun-sgoil Shiaboist agus an uairsin gu Àrd-sgoil MhicNeacail. Chaidh a ghairm dhan chogadh dhan Chabhlach Rìoghail agus thèib e a bheatha a chall dà thuras nuair a chaidh am bà ta air an robh e a chur fodha, ach cha do bhruidhinn e mòran mun na suidheachaidhean sin.
Thill Mgr MacLeòid air ais a Shiabost às dèidh a’ choga'dh agus thòisich e ag obair aig na clòithtean. Thà inig atharrachadh na bheatha agus dh’fhairich e gairm gu obair na ministrealachd. Le glè bheag de chothroman air a bhith aige a thaobh foghlam roimhe sin, bha aig Mgr MacLeòid ri dhol dhan oilthigh. Cheumnaich e à Oilthigh Dhùn Èideann agus chur e seachad trì bliadhna an uairsin ann an Colaiste na h-Eaglaise Saoire ann an Dùn Èideann.
Choinnich Mgr MacLeòid ri bhean Mairead nuair a bha e na oileanach ann an Dùn Èideann agus phòs iad às dèidh dha cead searmonachaidh fhaighinn. Chuir e seachad a' chiad trì bliadhna den mhinistrealachd na iar-mhinistear air coitheanal a’ Ghearastain ann an Ontario, an Canada.
Thà inig iad a dh’fhuireach a Leòdhas ann an 1959 far an deach a phòsadh ri Eaglais Shaor na Pà irce, coitheanal a bha e a’ frithealadh airson ochd bliadhna. Ann an 1967 agus ceathrar a theaghlach a-nise aca, fhuair Mgr MacLeòid gairm gu Eaglais Shaor Thoronto far an do chuir e seachad sia bliadhna.
Anns an Ògmhios 1973 thill an teaghlach air ais dhan rìoghachd seo agus chaidh Mgr MacLeòid a phòsadh ri coitheanal na h-Eaglaise Saoire ann an Lunnainn far an robh e airson ceithir bliadhna.
B' ann an Eaglais Shaor an Rubha a chrìochnaich Mgr MacLeòid an obair aige mar mhinistear os cionn coitheanal - chaidh a phòsadh ris a' choitheanal sin ann an 1977. Fhads a bha e na mhinistear an sin bha e gu math tinn airson ùine às dèidh obair- lannsa air a chridhe. Bha e na mhodarà tor air Àrd-sheanadh na h-Eaglaise Saoire ann an 1987. Leig e dheth a dhreuchd ann an 1991.
Mar mhinistear air coitheanal bha Mgr MacLeòid an còmhnaidh a' gabhail ùidh anns na bha a' dol air adhart sa choimhearsnachd agus san sgìre san robh e stèidhichte. Bhiodh e dol gu coinneamhan anns a' choimhearsnachd agus an còmhnaidh a’ toirt taic dhaibh. Bha ùidh mhòr aige ann am ball-coise cuideachd.
Chaidh Mgr MacLeòid ‘s a bhean a dh’fhuireach a Shiabost airson grunn bhliadhnaichean às dèidh dha a dhreuchd a leigeil dheth ach anns an ùine sin bha iad tric a’ siubhail air ais agus air adhart. Mu dheireadh, a thaobh dìth slà inte agus feum aige a bhith a’ frithealadh an ospadail tric, ghluais iad a Steòrnabhagh. Anns an Iuchar 2001 dìreach bliadhna mas do chaochail e, ged nach robh e cumail cho math, chaidh e gu banais a' chiad ogha aige anns an Òlaind. Chaochail Mgr MacLeòid san Iuchar 2002.
Last on
Broadcasts
- Sun 13 May 2012 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 4 Nov 2018 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal