Main content
Sorry, this episode is not currently available

Sgeulachd as na h-Innseachan

Taic ann a bhith ag ionnsachadh mu cheòl aig ìre bun-sgoile: ceòl is sgeulachdan às na h-Innseachan. Schools programme to support music teaching in the upper stages of primary.

Thairis air an t-sreath bidh Sàra agus Liam, a tha ag obair ann am bùth siubhail, a' toirt seachad fiosrachadh mu chuid de na dùthchannan air a bheil iad a' cur eòlas nan obair. Tron seo tha sinn a' cluinntinn sgeulachdan agus pìosan ciùil a bhuinneas do dhiofar dhùthchannan.

Anns a' phrògram seo tha sinn ag ionnsachadh mu cheòl às na h-Innseachan agus sgeulachd mu chrogall gòrach agus muncaidh aig Abhainn Ganges. 'S e amas an teagaisg a bhith a' seinn òran aona-ghuthach gu math, a' toirt an aire do na facail agus na rannan-ciùil.

Tha na prògraman seo air an cruthachadh gus taic a thoirt do dh'obair ann an ceòl aig an dàrna ìre den Churraicealam airson Sàr-mhathais. Tro a bhith ag èisteachd 's ag obair le na prògraman, bheir iad cothrom dhan chloinn: an guthan a chleachdadh agus ionnstramaidean a chluich, tuigse fhaighinn air bunaitean a' chiùil, ceòl a chruthachadh, eòlas a chur air dòighean gus ceòl a sgrìobhadh agus faclan ùra co-cheangailte ri ceòl ionnsachadh agus a chleachdadh. Tha notaichean tidseir rim faighinn aig bbc.co.uk/foghlam.

20 minutes

Last on

Sun 6 May 2012 14:30

Broadcasts

  • Sat 5 May 2012 10:30
  • Sun 6 May 2012 14:30