An Dr Urramach Aonghas Moireasdan
Seirbheis Didòmhnaich na Cà isge còmhla ris an Dr. Urr Aonghas Moireasdan bho 2011. Rev Dr Angus Morrison with Easter Sunday service from 2011.
Salm 117: 15-16 air fonn Coleshill agus ‘s e Dòmhnall Angaidh MacMhathain a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanalan eaglaisean Leòdhais agus na Hearadh.
Salm 21: 5-6 air fonn Kilmarnock agus ‘s e Murchadh Moireasdan a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Phartaig ann an Glaschu.
Anna Nic na Ceà rdaich a’ seinn an laoidh Air Geugan Seilich Chrochadh Leinn, a chaidh a sgrìobhadh le Janet NicPhà il.
Còisir Eaglais Naomh Barr sa Bhà gh a’ Tuath ann am Barraigh a’ seinn an laoidh Thighearna Thà inig Thu Chun na Linne.
Leughadh: Eòin 21: 9-19
Ceann- teagaisg: Eòin 21: 15
Rugadh agus thogadh an Dr Urr Aonghas Moireasdan ann an Gleann Comhann ann an 1953 ged a chuir e seachad a' chuid as motha de là ithean òige anns an Òban. B' ann do bhaile Lingreabhagh anns na Hearadh a bhuineadh athair agus a mhà thair agus tha deagh chuimhne aige fhèin iomadach samhradh a chuir seachad ann an Ceann a Deas na Hearadh agus a bhith a' faighinn blasad air dòigh-beatha anns na h-Eileanan an Iar.
Chaidh Mgr Moireasdan gu Àrd-sgoil an Òbain agus às a sin gu Oilthigh Ghlaschu far an d'fhuair e teisteanas MA ann an Laideann agus Greugais. Fhuair e teisteanas BD tro Oilthigh Lunnainn agus PhD bho Oilthigh Dhùn Èideann.
Bha Mgr Moireasdan ann an ceithir paraistean thar nam bliadhnaichean bho chaidh e na mhinistear ann an 1979: an t-Òban, Dùn Èideann, Steòrnabhagh agus mu dheireadh chun an Dà mhair an-uiridh ann an Eaglais Sgìre Orwell & Portmoak. Bha e cuideachd na Mhodarà tair air Eaglais na h-Alba.
Tha Mgr Moireasdan pòsta aig Marion agus teaghlach de cheathrar aca, triùir ghillean agus aon nighean agus tha triùir oghaichean aca. Bha ùidh a-riamh aige ann a bhith a' leughadh agus a' ceannach leabhraichean agus 's iomadh turas a bhiodh a mhà thair a' trod ris na òige gun robh e air an t-airgead a thug i dha airson lèintean a cheannach a chosg air leabhar eile. 'S e cluas bhodhar a fhuair i agus e fhathast trom air a bhith a' ceannach leabhraichean. Tha ùidh mhòr aige ann a bhith a' coimhead ball-coise agus ag èisteachd ri ceòl clasaigeach. Tha e a-nise a' fuireach ann an Dùn Èideann agus a' cur seachad tòrr ùine a' coimhead às dèidh na h-oghaichean eadar Alba is Sasainn. Chur Mgr Moireasdan agus Marion seachad trì mìosan den bhliadhna an-uiridh anns a' Phortagail a' coimhead às dèidh paraiste Naomh Anndra ann an Lisbon.
Last on
More episodes
Previous
Next
Broadcasts
- Sun 8 Apr 2012 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 8 Apr 2012 15:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 17 Apr 2022 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 9 Apr 2023 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal