An Tuathanach agus an Drà ibhear
Taic ann a bhith ag ionnsachadh mu cheòl sa bhun-sgoil: a' cleachdadh ruitheaman gus dealbh-ciùil a chruthachadh. Schools programme to support music teaching in primary schools.
Anns an t-sreath seo tha Ceit agus Ruairidh a' tilleadh gu Innis nan Craobh gus Ruairidh a chuideachadh le ceòl agus òrain a chur ri filmichean a bhios a' dol gu farpais.
An-diugh tha sinn a' cluinntinn sgeulachd mu mar a thagh tuathanach cò am fear a b' fheà rr de na drà ibhearan a thà inig thuige a shireadh obair agus tha Ceit agus Ruairidh a' cleachdadh ruitheaman gus dealbh-ciùil a chruthachadh.
Tha na prògraman seo air an cruthachadh gus taic a thoirt do dh'obair ann an ceòl aig an dà rna ìre den Churraicealam airson Sà r-mhathais agus tha na sgeulachdan a th' air an cleachdadh a' tighinn o bheul-aithris.
Tro a bhith ag èisteachd 's ag obair le na prògraman, bheir iad cothrom dhan chloinn: an guthan a chleachdadh agus ionnstramaidean a chluich, tuigse fhaighinn air bunaitean a' chiùil, ceòl a chruthachadh, eòlas a chur air dòighean airson ceòl a sgrìobhadh agus faclan ùra co-cheangailte ri ceòl ionnsachadh agus a chleachdadh. Tha notaichean tidseir rim faighinn aig bbc.co.uk/foghlam.
Last on
Broadcasts
- Fri 27 Jan 2012 11:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sat 28 Jan 2012 10:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 29 Jan 2012 14:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal