A' toirt chreachain fo ghrunnd na mara chun a' bhùird. Le Fiona NicIllinnein. Murdo MacAulay takes scallops from the sea-bed in Harris to the plate for Fiona MacLennan.
Tha inbhe maorach air èirigh thairis air na ginealaich bho bhith na bhiadh a bhiodh aig an duine bochd gu biadh an duin' uasail. 'S e an taghadh as daoire a gheibh thu air clà r-bìdh na là ithean-s'. Tha Murchadh MacAmhlaigh às an Òb anns na Hearadh air a bhith a' dà ibheadh airson iomadach bliadhna agus anns a' phrògram seo bho 2012 tha Fiona NicIllinnein a' faighinn cothrom a dhol a-mach còmhla ris a dh'iarraidh dhà neo trì chreachain. Bidh Murchadh dhan reic ri na taighean-òsta agus taighean-bìdh anns na Hearadh as t-samhradh, agus abair gu bheil fèill orra!
Tha e a' toirt poc sìos leis a bhios e a' lìonadh le creachain, le put' gu h-à rd, ach am faic am balach a th'anns a' bhà ta còmhla ris far a bheil e. Bidh e dol sìos dà uair nuair a bhitheas e a-muigh, a' cleachdadh aon bhotal de dh'aidhear gach turas.
Cluinnidh sinn mun deise a dh'fheumas a bhith air agus an uidheamachd a th'aige airson dà ibheadh, beagan mu dheidhinn an seors' obair a th'air a bhith aige thar nam bliadhnaichean agus cuideachd facal air na soithichean a th' air grunnd na mara a tha e air fhaicinn.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Wed 21 Dec 2011 13:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Wed 21 Dec 2011 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Christmas Day 2011 14:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Mon 1 Jul 2013 13:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Mon 1 Jul 2013 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 7 Jul 2013 09:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Fri 17 Apr 2020 09:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal