Main content
Sorry, this episode is not currently available

25/11/2011

Taic ann a bhith ag ionnsachadh mu cheòl sa bhun-sgoil: mar a tha cuid a dh'fhuaimean eadar-dhealaichte bho chèile. Schools programme to support music teaching in primary schools.

Thairis air an t-sreath, tha Ceit agus Ruairidh a' cuir ceòl agus òrain ri filmichean stèidhichte air sgeulachdan o bheul-aithris.

Anns a' phrògram seo tha sinn ag ionnsachadh mar as urrainn ceòl a riochdachadh le dealbh no pàtran agus a' cluinntinn mar a bhuinnig tàilleir geall gun cuireadh e seachad oidhche ann an seann chladh far an robh taibhs.

Tha na prògraman seo air an cruthachadh gus taic a thoirt do dh'obair ann an ceòl aig a' chiad 's an dàrna ìre den Churraicealam airson Sàr-mhathais. Tro a bhith ag èisteachd 's ag obair le na prògraman, bheir iad cothrom dhan chloinn: an guthan a chleachdadh, tuigse fhaighinn air bunaitean a' chiùil, èisteachd le tuigse ri ceòl, còmhradh mu cheòl agus eòlas a chuir air faclan co-cheangailte ri ceòl. Tha notaichean tidseir rim faighinn aig bbc.co.uk/foghlam.

20 minutes

Last on

Sun 27 Nov 2011 14:30

Broadcasts

  • Fri 25 Nov 2011 11:30
  • Sat 26 Nov 2011 10:30
  • Sun 27 Nov 2011 14:30