02/10/2011
Còmhla ri Alasdair MacAmhlaigh, oiltheanach san treas bliadhna, Colaiste na h-Eaglaise Saoire. Gaelic worship conducted by Alasdair MacAulay, student at the Free Church College.
Air an t-seachdain seo 's e Alasdair MacAmhlaigh a tha a' searmonachadh ann an Dèanamaid Adhradh. 'S e seo a' chiad turas a chluinneas sibh Alasdair, a tha na oileanach ann an Colaiste na h-Eaglaise Saoire, a' searmonachadh air Â鶹Éç Radio nan Gà idheal.
Ach chan eil e na annas sam bith an guth aig Alasdair a chluinntinn air an rèidio, mus deach e a-staigh airson na ministearalachd, chuir e seachad iomadach bliadhna mar neach naidheachd ann an Steòrnabhagh.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh an t-seinn a leanas:
Salm 89: 15-16 air fonn Kilmarnock, os cionn an t-seinn Aonghas Dòmhnallach le taic bho choitheanal Eaglais Shaor a' Bhac.
Salm 65:2-3 air fonn St David, os cionn an t-seinn Dòmhnall Iain Dòmhnallach le taic bho Eaglais na h-Alba ann am Barbhas.
Salm 9:9-10 air fonn Evan, os cionn an t-seinn an t-Urr Niall Sheathach le taic bho choithional Eaglais Shaor nam Manach Liath ann an Dùn Èideann.
Leughadh: Eòin 1:29-46.
Ceann teagaisg : Eòin 1:39.
Last on
Broadcasts
- Sun 2 Oct 2011 09:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 2 Oct 2011 15:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal