Main content
Sorry, this episode is not currently available

Calum MacFhearghais 1/3

Calum MacFhearghais ag innse mu òige anns an Rubha ann an Leòdhas aig àm a' chogaidh. The author Calum Ferguson recalls his youth in Lewis during the Second World War.

Rugadh Calum MacFhearghais ann a 1929 ann am baile Phort Mholair san Rubha a Leòdhas. 'S iomadh ceàird a th'aige air a làmhan - neach-teagaisg, craoladair agus sgrìobhadair nam measg - ach 's e an gibht as motha a th'aig Calum 's e comas sgeulachd innse, biodh i fìor neo breug!

A seo tha e a' cuimhneachadh air a bheatha thràth, ag èirigh suas ann an coimhearnsachd air a robh agus air a bheil e gu math gràdhach.

Bha a' Bheurla ùr dha a' dol dhan sgoil oir cha robh i cha mhòr ri cluinntinn sa sgìre, agus nuair a ràinig a Sgoil MhicNeacail bha aige ri fuireach ann a Steòrnabhagh tron t-seachdain agus bha an cianalas air dona. Cha robh an sgoil a' tighinn air idir.

Bha an Dàrna Cogadh a' toirt buaidh air a h-uile duine agus bha Calum, na bhalach òg, a' gabhail a h-uile càil a bha sin a-steach agus cuimhne aige chun a' là an-diugh air an dreach a thug e air Leòdhas eadar luchd na feachdan armaichte a bhith timcheall agus Sunderland flying boat a' spreadhadh os a chionn.

30 minutes

Last on

Sun 8 Feb 2015 09:30

Credit

Role Contributor
Producer Annella MacLeod

Broadcasts

  • Tue 22 Feb 2011 13:30
  • Tue 22 Feb 2011 22:00
  • Sun 27 Feb 2011 10:03
  • Thu 5 Feb 2015 12:03
  • Thu 5 Feb 2015 22:10
  • Sun 8 Feb 2015 09:30