Peadar MacIlleathain
Peadar MacIlleathainn à Cùl Eilean na Nollaige le seanchas 's òrain. Le Seumas Watson. Peter Maclean from Christmas Island, Cape Breton, sings local songs. With Jim Watson.
Chaochail Peadar Jack MacIlleathain, Peadar Jack Pheadair Chaluim Ghobha, à Cùl Eilean na Nollaige an Ceap Breatann air an 11mh den Fhaoilleach 2013. Thogadh e ann an dachaigh a bha aithnichte mar fhìor thaigh-cèilidh agus b' e seinneadair cliùiteach a bh' ann fhèin. B' e saor a bh' ann agus chuir e seachad fichead bliadhna ag obair ann a Boston. Fhads a bha e sin chaidh iarraidh air seinn còmhla ri Seinneadairean a' Chladaich a Tuath aig Fèis Dùthchasach Newport Rhode Island agus aig Fèis Dùthchasach a Smithsonian. Nuair a thill e fhèin agus a' bhean, Mairead, gu Eilean na Nollaige sna seachdadan chaidh e sheinn comhla ri Seinneadairean Gà idhlig Shanndraidh. Bha Peadar aoigheil dha-rìreabh ris an iomadh duine a thadhladh air agus fialaidh ann a bhith a' toirt seachad na h-òrain a bh'aige don ath ghinealach de sheinneadairean. Bha meas mòr aig leithid Mà iri Sìne NicLaomainn air, mar a dh'innis i agus i a' cuimhneachadh air aig cuirm aig Celtic Connections an Glaschu ann a 2013, agus tha ionndrainn mhòr air. Duine à rd, eireachdail, ciùin a bha na thlachd a bhith na chuideachd.
Chlà r Annella Nicleòid am prògram seo, as t-samhradh 2010, còmhla ri Seumas Watson agus Peadar Jack, na dhachaigh ann an Cùl Eilean na Nollaige.
Last on
Broadcasts
- Tue 19 Oct 2010 13:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Tue 19 Oct 2010 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 24 Oct 2010 10:03Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Thu 7 Mar 2013 13:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Thu 7 Mar 2013 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 10 Mar 2013 09:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Mon 4 Feb 2019 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Mon 4 Feb 2019 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 10 Feb 2019 13:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal