Main content
Sorry, this episode is not currently available

Taghadh de dh'òrain à Ceap Breatainn còmhla ri Seonaidh Ailig Mac a' Phearsain. John Alick MacPherson introduces a selection of songs from Cape Breton.

Seo a' chiad phrògram de dhà de thaghadh òrain à Ceap Breatainn a rinn Seonaidh Ailig Mhic a' Phearsain, mar phàirt de Bhliadhna nan Òran air Radio nan Gaidheal ann an 2010. Chaochail Seonaidh Ailig Mhic a' Phearsain san Lunastal am bliadhna, fear a bha gu mòr a' sàs ann an leasachadh craoladh na Gàidhlig air gach taobh dhan a' Chuan Shiar. Bha ùidh mhòr aige ann an òrain agus bàrdachd Ghàidhlig; chruinnich e bàrdachd Dhòmhnaill Ruaidh Chòruna agus bhiodh e fhèin cuideachd ri bàrdachd. Fhuair e crùn na bàrdachd aig a' Mhòd Nàiseanta ann an Sruighlea an an 1961.

A seo tha e taghadh òrain às an tasglann aig Oilthigh Cheap Breatainn a tha air ainmeachadh mar chuimhneachain air a' bhean-chràbhaidh chliùiteach a' Phiuthar Màiread Pheutan a chuir an t-ionad cruinneachaidh air chois.

30 minutes

Last on

Sun 31 Dec 2017 13:00

Broadcasts

  • Wed 4 Aug 2010 13:30
  • Wed 4 Aug 2010 22:00
  • Sun 8 Aug 2010 10:30
  • Tue 14 Jun 2011 13:30
  • Tue 14 Jun 2011 22:00
  • Sun 19 Jun 2011 10:03
  • Sun 26 Jun 2011 10:03
  • Thu 30 Apr 2015 12:03
  • Thu 30 Apr 2015 22:10
  • Sun 3 May 2015 09:32
  • Sun 31 Dec 2017 13:00