Tasglann - An Canan Dòmhnall MacAoidh nach maireann bho 1998
Còmhla ris a' Chanan Dòmhnall MacAoidh bho 1998 nuair a bha e na shagart am Barraigh. Gaelic service from 1998 with Canon Donald MacKay, who was Parish Priest in Castlebay.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na laoidhean agus leughaidhean a leanas:
Còisir Eaglais Naomh Barr a' seinn Laoidh Chaluim Chille, O Thig a Nuas a Spioraid Naoimh agus Fà ilte air Reul na Mara.
Còisir Òg a' Bhà gh a Tuath le Sìth agus Còisir Eaglais Naoimh Mhìcheil a' seinn Is Naomh, Naomh, Naomh Thu.
Leughaidhean Lucas 6: 27-38
Rugadh an Canan Dòmhnall MacAoidh ann an Uibhist a Deas. Chaidh a thogail ann an sgìre Ghearradh na Mònadh agus b' ann nuair a bha e na chlèireach air an altar ann an Eaglais Mà thair na Dòrainne a rinn e suas inntinn gun robh e airson a bhith na shagart agus b' e sin an t-slighe a lean e.
Chaidh Mgr Dòmhnall gu Sgoil Ghearradh na Mònadh gus an robh e dhà dheug agus chaidh e às an sin gu Sgoil Naomh Vincent air Bruach Chluaidh agus gu Colaiste Blairs. Ghluais e às an sin gu Colaiste na Sagartachd anns an Spà inn, a bha stèidhichte aig an à m sin ann an Valladolid. Ann an 1976 thill e dhachaigh agus ghabh e bòidean na sagartachd.
Chaidh Mgr Dòmhnall air ais gu Sgoil Naomh Vincent airson bliadhna, an turas-sa na neach-teagaisg. Ghluais e dhan Òban bliadhna às dèidh sin far an do chuir e seachad ùine ann an cuideachd an Easbaig Cailean Mac a' Phearsain agus an Àrd-shagart Thomas Whynn. Bha Mgr Dòmhnall a' frithealadh paraistean Dhalabroig còmhla ri Mgr Niall agus Mgr Iain MacIlleathain agus paraiste a' Ghearastain còmhla ri Mgr Iain MacNèill. Thill e air ais dhan Spà inn airson sia bliadhna agus b' ann aig an à m sin a ghluais Colaiste na Sagartachd bho Valladolid gu Salamanca.
Ann an 1991 chaidh Mgr Dòmhnall a chuir a Bhà gh a' Chaisteil na shagart paraiste agus bha e a' frithealadh na sgìre sin gu 2001, a' bhliadhna a chomharraich e còig bliadhna fichead na shagart. Bhà saich a mhà thair dìreach beagan là ithean às dèidh dha an ceann-là sin a chomharrachadh agus i air an cothrom fhaighinn a bhith an là thair aig aifreann shònraichte a chaidh a chumail ann am Barraigh air a shon. Ghluais Mgr Dòmhnall dhan Òban ann an 2001 far an robh e stèidhichte aig Cathair Eaglais Naomh Chaluim Chille, chaidh a ghluasad an uairsin gu bhith os cionn paraiste Ceann a Deas Uibhist agus Èirisgeidh.
Bha ùidh mhòr aige ann a bhith leughadh agus a bhith leantainn cor na h-eaglaise air an eadar-lìon, agus bha ùidh mhòr aige ann an ceòl Gà idhealach. Cha robh e na iongnadh sam bith gun robh e gu mòr a sàs ann a bhith toirt taic is brosnachadh don Sgoil Chiùil Shamhraidh aig Ceòlas. Gach bliadhna bhiodh an sgoil chiùil a' tòiseachadh le aifreann Ghà idhlig ann an Eaglais Naomh Peadar ann an Dalabrog agus b' e Mgr Dòmhnall a bhiodh os cionn an aifreann.
Trì bliadhna air ais fhuair Mgr Dòmhnall an naidheachd dhuilich gu robh e a' fulang le aillse. Thar nam mìosan chùm e a' dol le inntinn là idir a' frithealadh na paraiste aig an aon à m 's a bha e a' frithealadh an ospadail. Bhà saich Mgr Dòmhnall san Lùnastal an uiridh ann an Ospadal Uibhist is Bharraigh.
Last on
An Canan Dòmhnall MacAoidh nach maireann
Broadcasts
- Sun 6 Jun 2010 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 26 Aug 2018 21:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal