Main content
Sorry, this episode is not currently available

Cathy Laing ag innse mun teaghlach luchd-siubhail aice a' dol mu chuairt Uibhist sna 50an. Cathy Laing describes her early life as part of a travelling family in Uist in the 1950s.

'S iomadh prògram agus sreath phrògraman a riochdaich agus a lìbhrig Dòmhnall Camhsron sna bliadhnaichean mòra a bha e ag obair aig roinn na Gàidhlig sa BhBC 's aig Radio nan Gaidheal ann an Glaschu ach cha robh càil a b' fheàrr leis na faighinn a-mach am measg dhaoine agus gu h-àraid air a' bhlàr a-muigh na choimhearnsachd fhèin an Uibhist a Tuath. Mar chuimhneachan air Dòmhnall, a chaochail sa Lùnastal, tha sinn a' toirt cothrom eile dhuibh èisteachd ris an t-sreath sa a rinn e ann an 2010 nuair a chaidh e cuairt còmhla ri Cathy Laing dha na h-àitichean a tha sònraichte dhi fhèin agus dhan teaghlach aice ann an Uibhist a Tuath.

'S ann de theaghlach luchd-siubhail a tha Cathy, le freumhan ann a Siorrachd Pheairt agus san Apainn. San treas prògram tha iad air a' rathad, a' tilleadh chun na h-àitichean far am biodh iad a' campachadh, a' tòiseachadh aig Cnoc na Fèille taobh a-muigh Loch nam Madadh, an uair sin san Àth Mhòr agus mu dheireadh aig ceann tràigh Bhàlaigh.

30 minutes

Last on

Sun 22 Oct 2023 10:00

Broadcasts

  • Mon 3 May 2010 13:30
  • Mon 3 May 2010 22:00
  • Sun 9 May 2010 13:00
  • Mon 16 Oct 2023 15:30
  • Wed 18 Oct 2023 19:00
  • Sun 22 Oct 2023 10:00