Main content
Sorry, this episode is not currently available

Cathy Laing ag innse mun teaghlach luchd-siubhail aice a' dol mu chuairt Uibhist sna 50an. Cathy Laing describes her early life as part of a travelling family in Uist in the 1950s.

'S iomadh prògram agus sreath phrògraman a riochdaich agus a lìbhrig Dòmhnall Camhsron sna bliadhnaichean mòra a bha e ag obair aig roinn na Gàidhlig sa BhBC 's aig Radio nan Gaidheal ann an Glaschu ach cha robh càil a b' fheàrr leis na faighinn a-mach am measg dhaoine agus gu h-àraid air a' bhlàr a-muigh na choimhearnsachd fhèin an Uibhist a Tuath. Mar chuimhneachan air Dòmhnall, a chaochail sa Lùnastal, tha sinn a' toirt cothrom eile dhuibh èisteachd ris an t-sreath sa a rinn e ann an 2010 nuair a chaidh e cuairt còmhla ri Cathy Laing dha na h-àitichean a tha sònraichte dhi fhèin agus dhan teaghlach aice ann an Uibhist a Tuath.

'S ann de theaghlach luchd-siubhail a tha Cathy, le freumhan ann a Siorrachd Pheairt agus san Apainn. Sa chiad phrògram cluinnidh sinn beagan mu eachdraidh an teaghlaich 's gu h-àraid mar a tha e cho cudromach dhi sgeulachd Phàdraig, a rugadh san Apainn, 's a bhean Hannah a chumail beò. Gheibh sinn blasad air cuid de na h-òrain 's na sgeulachdan a bha cho prìseil dhaibh agus cluinnidh sinn cuideachd mar a lorg i baile beag Bhoranais an Siorrachd Pheairt às na dh'fhalbh na daoine aice.

30 minutes

Last on

Sun 8 Oct 2023 10:00

More episodes

Previous

You are at the first episode

Next

See all episodes from Teant, Tion agus Eich

Broadcasts

  • Mon 19 Apr 2010 13:30
  • Mon 19 Apr 2010 22:00
  • Sun 25 Apr 2010 13:00
  • Mon 2 Oct 2023 15:30
  • Wed 4 Oct 2023 20:00
  • Sun 8 Oct 2023 10:00