Buaidh Alba air Charles Darwin
A' bhuaidh a bh' aig Alba air Charles Darwin. Le Fionnlagh Macleòid. Finlay Macleod examines Scotland's influence on Charles Darwin.
Ann an 2009 bha Fionnlagh Macleòid a' comharrachadh gu robh 200 bliadhna bho rugadh Charles Darwin - eòlaiche air nà dair, clachan agus air bith-eòlas, a thug dhuinn a bheachd-smuain air mean-fhà s, evolution, san leabhar iomraiteach aige, On The Origin of Species, a thug e a-mach ann an 1859. Dh'atharraich Darwin mar a tha sinn a' tuigsinn an t-saoghail ann an dòigh a bha cha mhòr gu tur ùr na là . Anns an t-sreath seo tha Fionnlagh, a tha air beatha Darwin a rannsachadh, a' toirt thugainn dealbh mionaideach air an duine 's air obair.
Sa chiad phrògram tha Fionnlagh a' coimhead ri òige, gu h-à raid an ùine a chuir e seachad an Dùn Èideann 's tha e a' tadhal air Newhaven far na chuir Darwin mòran ùine seachad a' rannsacahdh nan cladaichean a sin. Cluinnidh sinn bhuaithe mun a' bhuaidh a bh' aig an luibh-eolaiche 's an t-Albannach Raibeart Grannd air.
Tha Fionnlagh cuideachd a' bruidhinn ri Murchadh Macleòid, fear togail dhealbhan, mun ùidh mhòr a bh' aig Darwin ann an aghaidh dhaoine agus cho cudromach 's a bha deilbh san obair sin.
Last on
More episodes
Previous
You are at the first episode
Broadcasts
- Mon 2 Nov 2009 11:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Mon 2 Nov 2009 22:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 8 Nov 2009 13:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Mon 10 Aug 2020 12:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Mon 10 Aug 2020 22:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 16 Aug 2020 13:00Â鶹Éç Radio nan Gà idheal