Main content
03/07/2009
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Fri 3 Jul 2009
11:55
Â鶹Éç Radio nan GĂ idheal
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 522
Duration: 05:03
Litir 522: Iain Dubh Leòdhasach, an Seòladair
Thòisich mi an t-seachdain sa chaidh air an sgeulachd à beul-aithris Iain Dubh Leòdhasach, an Seòladair. Bha Iain air long fad còig bliadhna. Bha e a’ dol a dh’fhaighinn bonn-a-sia aig ceann a’ chiad mhìos agus dà bhonn-a-sia aig ceann an dara mìos, a’ dùblachadh mar sin gach mìos. Ach cha do thuig an sgiobair gun robh e air fortan a ghealltainn dha. “Gheall thu tuilleadh nas fhiach an long fhèin,” thuirt fear leis an robh an long. “Dè nì sinn?” dh’fhaighnich an sgiobair. “Air an latha mu dheireadh de mhuinntireas a’ ghille, ” thuirt am fear eile, “cùm airfalbh bho thìr. Bheir sinne dhut na th’ againn de dh’airgead ann an trì pocannan. Can ris a’ ghille gu bheil a thuarastal anns na pocannan agus gum faigh e e ma dh’fhà gas e an long an sin. Ach mura fà g, gum pà igh thu dha sùim a thoilicheas tu fhèin.”
Thà inig an latha mu dheireadh de mhuinntireas Iain Duibh. Mus tà inig an long ann an sealladh na tìre, thairg an sgiobair a thuarastal don ghille – nam fà gadh e an long sa mhionaid.
“Ma gheibh mi mo thuarastal, fà gaidh mi,” ars an gille. “Ach an toir sibh dhomh dà uair a thìde de dh’obair an t-saoir, airson rà th a thogail air mo shon?”“Gheibh thu sin, agus am fiodh cuideachd,” fhreagair an sgiobair. Bha e duilich dealachadh ri Iain, agus toilichte a chuideachadh.
Nuair a bha an rà th deiseil, chaidh a leigeil sìos thar taobh na luinge. Fhuair Iain na trì pocannan – fear là n òir, fear là n airgid agus fear là n copair. Thug e leis cuideachd poca bhriosgaidean agus searrag uisge. Chuir Iain trì latha seachad air an rà th. Mu dheireadh rà inig e tìr. Cha robh sgeul air duine. Thug e na pocannan leis gu brà igh a’ chladaich agus chuir e am falach iad anns a’ ghainmhich. An uair sin, dh’fhalbh e don choille. Choisich e fad na h-oidhche ach chanfhaca e taigh no duine. Aig beul an latha rà inig e togalach mòr dubh a bha coltach ri seann mhuileann. Choisich e a-steach.
Bha boireannach dreachmhor na suidhe aig an teine. Ghabh i eagal an toiseach ach thuirt Iain rithe nach robh ann ach seòladair bochd a bh’ air snà mh gu tìr bho long a chaidh fodha. Thug am boireannach biadh is deoch dha, ach dh’iarr i air falbh gu sgiobalta.
“Carson?” dh’fhaighnich Iain Dubh. “Tha seachd robairean a’ fuireach anns an taigh,” fhreagair i, “agus bidh iad air aisann am mionaid.” “Thigeadh iad,”  thuirt an seòladair. “Chan fhalbh mi gus am faigh mi beagan cadail.”Fhuair e greis cadail ach dhĂąisg na robairean e. “’S e robairean a th’ annainn,” thuirtfear dhiubh, “agus cha leig sinn Ă s thu beò.”“Nach mi a tha toilichte,” fhreagair Iain Dubh. “B’ e robaireachd mo cheĂ ird fhèingus an robh agam ri teicheadh. Ma leigeas sibh leam siubhal cuide ribh, bidh mi cho dìleas ’s a ghabhas.”“Ceart gu leòr,” arsa fear de na robairean. “Gabhaidh sinn latha fois. An uair singabhaidh gach fear dhinn a rathad fhèin. Am fear as motha a bheir dhachaigh de chreach thar trì oidhcheannan, ’s e a bhios na cheannard air cĂ ch.”Chunnaic Iain Dubh a chothrom. Air a’ chiad oidhche thill e le poca lĂ n copair. Airan dĂ rna oidhche, thill e le poca lĂ n airgid. Air an treas oidhche thill e le poca lĂ n òir.Â
Chùm na robairean rin gealladh agus rinn iad Iain Dubh na cheannard air cà ch. Ach cha do rà inig sinn deireadh na sgeòil fhathast...

Faclan na Litreach
bonn-a-sia: a halfpenny; dara/dà rna: second (the terms are interchangeable); a’ dùblachadh: doubling; muinntireas: engagement; rà th: raft; dreachmhor: good-looking; robairean: robbers; dìleas: loyal.
Abairtean na Litreach
Iain Dubh Leòdhasach, an Seòladair: Black-haired John of Lewis, the Sailor; gun robh e air fortan a ghealltainn dha: that he had promised him a fortune; dè nì sinn?: what shall we do?; bheir sinne dhut na th’ againn de dh’airgead: we’ll give you what you have of money; gum pà igh thu dha sùim a thoilicheas tu fhèin: that you’ll pay him an amount of your own choosing; dà uair a thìde de dh’obair an t-saoir: two hours of the carpenter’s time; poca bhriosgaidean agus searrag uisge: a bag of biscuits and a leather bottle of water; anns a’ ghainmhich: in the sand; beul an latha: daybreak; seòladair bochd a bh’ air snà mh gu tìr bho long a chaidh fodha: a poor sailor who’d swum to shore from a ship that went down; dh’iarr i air falbh gu sgiobalta: she asked him to leave quickly; thigeadh iad: let them come; cha leig sinn às thu beò: we’ll not let you leave alive; b’ e robaireachd mo cheà ird fhèin: robbing was my own trade; am fear as motha a bheir dhachaigh creach: the man who brings home the most plunder; chùm X rin gealladh: X kept to their promise; rinn iad Y na cheannard air cà ch: they made Y the leader of the rest.
Puing-chĂ nain na Litreach
Thug e na pocannan leis gu brà igh a’ chladaich: he took the bags [with him] to the upper part of the shore. The word brà igh seems to be less frequently used than in former times, and many people might say “ceann shuas a’ chladaich” today. But it’s a nice word and worth retaining. Its original meaning is “neck” or “throat”; its genitive form is brà ghad which you might know in losgadh-brà ghad (heartburn), but brà ghad has become a noun in its own right and is well known in the area name Brà ghad Albainn, the upper part of Alban (Scotland), anglicized Breadalbane. Brà igh in topographical terms means “the upper part of” and brà igheach is a term for a mountaineer or inhabitant of the mountains, particularly the Highlands and most particularly Brae Lochaber (Brà igh Loch Abar), the upper part of that beautiful region of the Gà idhealtachd.
Gnathas-cainnt na Litreach
nam fà gadh e an long sa mhionaid. if he left the ship immediately. Note also bidh iad air ais ann am mionaid: they’ll be back in a minute,presently.
Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA
Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA
Broadcast
- Fri 3 Jul 2009 11:55Â鶹Éç Radio nan GĂ idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.