Main content
Sorry, this episode is not currently available

Melbourne agus an Great Ocean Road

Maureen Nicleòid ag innse mu a truas a Mhelbourne ann a 2008. Maureen Macleod takes us to Melbourne as part of her round-the-world trip in 2008.

Ann a 2008 thog Maureen Nicleòid, à Dail bho Dheas ann a Nis a Leòdhas, oirre air turas timcheall an t-saoghail agus am measg a h-uile càil a thug i leatha bha inneal-clàraidh agus leis a sin thug i dhuinn cothrom a dhol còmhla rithe nar h-inntinn. An-diugh tha sinn dha togail ann an Astràilia, ann am baile Melbourne.

Tha i a' coinneachadh ri grunn Leòdhasaich sa bhaile aig taigh-seinnse Young and Jackson air a robh iomadach seòladair eòlach uaireigin. 'S iadsan Seonag Mhoireasdan à Bràgar a bha an Astràilia còrr air 40 bliadhna, Joan Etta Iain a' Gheàrr à Siabost a bh' air a bhith ann còrr air 45 bliadhna, Kenny a' Pholka cuideachd à Siabost a bh' ann bho 1972 agus Murchadh Macleòid, Dodo agus a bhean Sheila, a bh' ann bho 1974.

A thilleadh air a sin 'dh'fheumadh i' a dhol gu Ramsay St far am bi i iad a' fiolmadh am prògram telebhisean Neighbours agus i air a dòigh glan nuair a tha i a' coinneachadh ri Dr Karl Kennedy bhon a' phrògram. Cha b' urrainn dhi a bharrachd gun a dhol chun a' Great Ocean Road a tha a' ruith na 300 km eadar Torquay agus Warrnambool agus i ag innse mar a chaidh an rathad a thogail.

30 minutes

Last on

Mon 20 Apr 2020 09:30

Broadcasts

  • Mon 23 Feb 2009 11:30
  • Mon 23 Feb 2009 22:00
  • Tue 29 Dec 2009 17:30
  • Mon 20 Apr 2020 09:30