16/01/2009
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 498
Duration: 05:12
Litir 498: Balla Antonine
Gu sear air Croy Fort air Balla Antonine, tha Westerwood Fort agus Castlecary Fort. Bidh sibh e貌lach air Castlecary, 鈥檚 d貌cha, oir 鈥檚 ann tric a bhios sinn a鈥 cluinntinn mun trafaig sgriosail air an M8 aig na Castlecary Arches. Bha MacBh脿tair dhen bheachd gun robh an t-ainm Breatannach agus gu bheil e a鈥 d猫anamh iomradh air an d霉n a thog na R貌manaich. Tha cary a鈥 tighinn bho caerydd 鈥 a鈥 ciallachadh d霉in no forts.
Chan eil dad air fh脿gail dhen ath dh霉n 鈥 Seabegs, ach gabhaidh an d矛g faicinn, agus faodar coiseachd air an rathad a thog na R貌manaich ri taobh a鈥 bhalla. Tha mi an d霉il gu bheil Seabegs a鈥 tighinn bhon Gh脿idhlig Suidhe Beag.
Tha cuid dhen bheachd gur e an ath ph矛os dhen bhalla 鈥 aig Rough Castle 鈥 am p矛os as dr霉idhtiche a th鈥 ann. O chionn tr矛 cheud bliadhna, 鈥檚 e Castle Ruff a chanadh muinntir an 脿ite ris. Ainm G脿idhlig eile, 鈥檚 d貌cha. No Breatannach?
Tha am balla a鈥 dol seachad air Falkirk Fort 鈥 D霉n na h-Eaglaise Brice 鈥 gu ruige Mumrills Fort, an d霉n as motha. Tha e a鈥 c貌mhdachadh sia acaire de dh鈥檉hearann. Lorgadh cr猫adhaireachd is buinn ann, agus 矛omhaigh de Hercules. Tha eagal orm nach eil fios agam c貌 脿s a th脿inig an t-ainm Mumrills.
Chan eil ach tr矛 d霉in air fh脿gail. Tha Inveravon Fort faisg air Inbhir Ghrainnse. Gu dearbh, tha e faisg air beul Abhainn Avon 鈥 seadh, agus cha leig mi leas dad a r脿dh mun ainm sin. 鈥橲 e Amar-uisge Avon an t-amar-uisge as fhaide ann an Alba. Tha e a鈥 gi霉lain Can脿l an Aonaidh os cionn na h-aibhne.
Gu sear air Inveravon, tha Kinneil Fortlet, an d霉n mu dheireadh air Balla Antonine. Tha Carriden Fort faisg air cladach Lodainn, ach tha sin beagan gu deas air a鈥 bhalla. Bha an d霉n ann an Kinneil air a lorg ann an naoi ceud deug, seachdad 鈥檚 a sia (1976). Tha e a-nise am measg naoi d霉in bheaga a chaidh a lorg. Thathar a鈥 smaoineachadh gur ann aig na d霉in bheaga seo a bha cead aig daoine dhol a-mach 鈥檚 a-steach do dh鈥櫭宱mpaireachd na R貌imhe.
Tha an t-ainm Kinneil gu math inntinneach. Tha mi a鈥 dol a chur Ceann a鈥 Bhalla air ann an G脿idhlig. Ch矛 sibh carson ann am mionaid.
Tha MacBh脿tair ag innse dhuinn gun do sgr矛obh Bede anns an ochdamh linn gum b鈥 e an t-脿ite as fhaide sear air Balla Antonine Peanfahel. Co-dhi霉 b鈥 e sin an t-ainm a thug na 鈥淐ruithnich鈥 dha. Timcheall air a鈥 bhliadhna ochd ceud (800 AD), sgr矛obh Nennius gur e guaul a chanadh na Breatannaich ris a鈥 bhalla. Th脿inig guaul (no gwal ann an Cuimris an-diugh) bhon Laidinn vallum.
Sgr矛obh Nennius gun robh am balla a鈥 t貌iseachadh aig Penguaul. Nise, tha sin a鈥 ciallachadh ceann a鈥 bhalla. Tha MacBh脿tair dhen bheachd gu bheil an fhianais a鈥 dearbhadh gun robh G脿idhlig a鈥 gabhail 脿ite na 鈥淐ruithnis鈥 anns an sg矛re sin timcheall 脿m Bhede. Tha Peanfahel a鈥 riochdachadh Pen-f脿il 鈥 end of the rampart, agus 鈥檚 e measgachadh a th鈥 ann de 鈥淐hruithnis鈥 is G脿idhlig. Timcheall air a鈥 bhliadhna naoi ceud (900), tha pen a鈥 falbh agus tha cenn 鈥 airson ceann 鈥 a鈥 nochdadh na 脿ite. Mar sin, tha Pen-f脿il ag atharrachadh gu Cenn-fh脿il agus, an-diugh, Kinneil ann am Beurla.
Sin deireadh ar sgr矛ob air Balla Antonine. Bha am balla air a chleachdadh d矛reach fad ginealach leis na R貌manaich, ach dh鈥檉h脿g e d矛leab mh貌r dhuinn.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-ch脿nain na Litreach
Gnathas-cainnt na Litreach
Broadcast
- Fri 16 Jan 2009 11:55麻豆社 Radio nan G脿idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.