26/12/2008
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 495
Duration: 05:32
Litir 495: Litir an Abstoil Ph貌il
鈥淣a meallar sibh; cha d猫anar fanaid air Dia: oir ge b鈥 e n矛 a sh矛ol-chuireas duine an n矛 ceudna buainidh e.鈥 Tha mi cinnteach gum bi sibh e貌lach air an earrainn sin, eadhon mura h-eil sibh mion-e貌lach air a鈥 Bh矛oball. Ge b鈥 e n矛 a sh矛ol-chuireas duine an n矛 ceudna buainidh e. No ann am Beurla, 鈥渨hatsoever a man soweth, that he shall also reap.鈥
Tha e a鈥 nochdadh ann an Litir an Abstoil Ph貌il chum nan Galatianach, Caibideil a Sia, Earrann a Seachd. An t-seachdain sa chaidh, bha sinn a鈥 toirt s霉il air na Galatianaich agus air an d霉thaich aca, Galatia. 鈥橲 e Ceiltich a bh鈥 annta. B鈥 e Galatia r矛oghachd Cheilteach ann an Asia Minor 鈥 far a bheil an Tuirc an-diugh.
Dh鈥檉halbh na Galatianaich 脿 fianais c貌rr is m矛le bliadhna air ais. Ach nuair a bha P貌l a鈥 gluasad nam measg, agus a鈥 searmonachadh dhaibh, bha c脿nan Ceilteach aca fhathast. Chan eil sin a鈥 ciallachadh nach robh c脿nanan eile gam bruidhinn ann an Galatia a bharrachd. Tha deagh choltas ann gun robh Phrigianais ga bruidhinn ann, 鈥檚 gun robh na Ceiltich a鈥 riaghladh nam Phrigianach.
Tha cuid ann am pr矛omh bhaile na Tuirc, Ankara, dhen bheachd gur iad na Galatianaich a chuir an t-ainm air a鈥 bhaile, ged a tha feadhainn eile ag r脿dh gu bheil an t-ainm nas sine na sin. Mas e na Galatianaich a bu choireach, seo st貌iridh mu dheidhinn: bha batail eadar cabhlach nan Galatianach agus cabhlach nan 脠iphiteach. Rinn na Galatianaich a鈥 ch霉is. Thug iad dhachaigh na h-acraichean bho na longan 脠iphiteach agus chuir iad nan teampaill iad. Ann an Laideann, 鈥檚 e ancora a chanar ri acair. 鈥橲 d貌cha gun robh e car coltach ann an Galatianais 鈥 oir th脿inig am facal againne (acair) bhon t-seann Lochlannais.
Uill, chan eil fhios agam mun st貌iridh sin. Ach tha aithrisean ann mu na Galatianaich is cuin a nochd iad an toiseach ann an Asia Minor. Ghluais iad ann anns na seachdadan dhen treas linn ro Chr矛osd 鈥 sin na 270s BC. Bha r矛gh ann am Bithynia, faisg air far a bheil Istanbul an-diugh. 鈥橲 e Nicomedes an t-ainm a bh鈥 air. Tha mi cinnteach gur e seann Ghreugais a bh鈥 aige mar ch脿nan.
Bha Nicomedes an s脿s ann an str矛 le a bhr脿thair airson ceannas. Thug e cuireadh do na Ceiltich thighinn don d霉thaich aige, thar a鈥 Bhosphorus, airson taic a thoirt dha. Chaidh fichead m矛le duine ann 鈥 boireannaich is clann, a bharrachd air saighdearan. Aig a鈥 cheann thall, fhuair iad fearann gu sear air Bithynia ann am meadhan Asia Minor. Bhiodh an 脿rd-ch霉irt aca a鈥 tighinn cruinn c貌mhla faisg air Ankara. Tha e coltach gun robh creideamh draoidheil aca aig an 脿m ud. Bha doireachan darach naomh dhaibh.
Bha sin air atharrachadh mun 脿m a sgr矛obh P貌l a litir thuca. Tha e coltach bhon litir aige gun robh cuid ann an Galatia a鈥 cumail ri n貌san Iudhach, seach a bhith a鈥 leantainn na slighe Cr矛osdail a mhol P貌l dhaibh. Tha P貌l gu s貌nraichte a鈥 d猫anamh iomradh air an timcheall-ghearradh a tha a鈥 dol nam measg.
Cuiridh mi cr矛och air an Litir agamsa le earrann eile bhon litir a chuir P貌l do na Galatianaich: 鈥淥ir an t矛 a chuireas da fhe貌il fh猫in, buainidh e on fhe貌il truaillidheachd; ach an t矛 a chuireas don Spiorad, buainidh e on Spiorad a鈥 bheatha shuthainn.鈥 Beannachd leibh.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-ch脿nain na Litreach
Seanfhacal na Litreach
Broadcast
- Boxing Day 2008 11:55麻豆社 Radio nan G脿idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.