Main content
Sorry, this episode is not currently available

A' chiad là a' coiseachd Slighe Taobh an Iar na Gàidhealtachd

Ailean Dòmhnallach 's caraidean air Slighe Taobh an Iar na Gàidhealtachd. Allan MacDonald and friends walk the West Highland Way.

Tha dà fhichead bliadhna air a' mhìos sa bho dh'fhosgail Slighe Taobh an Iar na Gàidhealtachd - a West Highland Way - agus 's iomadh duine a th' air a choiseachd bhon uairsin ged a b' ann le grian a sgàineadh nan creag, le deàrrsach ùisge a' gabhail dhaibh neo leis a' chuileag-bheag. Tha 96 mìle bho Mhuileann Dhaibhidh chun a' Ghearastan agus b’ ann aig toiseach na Sultain 2008 a thog Ailean Dòmhnallach, Christine Nic an t-Saoir agus Joan Chuimeanach orra airson a choiseachd bho cheann gu ceann ann a Muileann gu Gearasdan. Air an t-slighe tha sinn a' faighinn a-mach mu na craobhan, na h-eòin agus an fhiadh-bheatha a tha ri fhaicinn agus cuideachd mu eachdraidh na sgìre. Seo iad air a' chiad latha, a' tòiseachadh ann a Muileann Dhaibhidh, 's ged nach robh a' chuileag bheag aca cha robh a' chùis buileach fàbharach dhaibh...

30 minutes

Last on

Sun 11 Oct 2020 13:00

Broadcasts

  • Mon 3 Nov 2008 11:30
  • Mon 3 Nov 2008 22:00
  • Wed 8 Jul 2009 11:30
  • Wed 8 Jul 2009 22:00
  • Mon 5 Oct 2020 12:00
  • Mon 5 Oct 2020 22:00
  • Sun 11 Oct 2020 13:00