Ulan Bator gu Beijing
Maureen Nicleòid air turas trèana eadar Moscow agus Beijing. An-diugh a ceann-uidhe. On her train journey from Moscow to Beijing, Maureen Macleod today arrives at her destination.
Ann an 2007 ghabh Maureen NicLeòid an turas trèana ainmeil eadar a' Ruis agus Sìona, air an Trans-Mongolian Railway. Dh'fhalbh i à Moscow agus i a' dèanamh air Beijing, a' stad ann an iomadach à it' air an t-slighe, agus shiubhail i 9000 cilemeatair ann a naoi là deug, le seachd là dhen a sin air an trèana. Na cois, thug i leatha inneal-clà raidh airson cuimhne a chumail air a turas. Choinnich i luchd-turais às a h-uile ceà rnaidh dhen t-saoghal agus chunnaic i seallaidhean iongantach . A seo tha i a' tarraing dealbh dhuinn air na chunnaic, na chuala, na bhlais i agus na dh'fhairich i air a cuairt.
'S ann am baile Ulan Bator, prìomh-bhaile Mongolia, le a toglaichean Sòibhiatach agus ìomhaighean Genghis Khan a tha Maureen a' tòiseachadh a' phrògram mu dheireadh den t-sreath. Tha i duilich 's i a' fà gail Mongolia ach tha seallaidhean Fà sach Gobi roimhpe. Mu dheireadh tha i ruighinn crìochan Shìona agus tha i a' dealachadh rinn mu leth-uair a thìde a-mach à Beijing agus i a' coimhead air ais air a turas shònraichte.
Last on
Broadcasts
- Fri 18 Apr 2008 11:35Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sat 19 Apr 2008 10:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Fri 2 Jan 2009 17:10Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Fri 20 Jun 2014 11:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sat 21 Jun 2014 10:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal
- Sun 22 Jun 2014 14:30Â鶹Éç Radio nan Gà idheal