21/03/2008
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain.
Last on
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 455
Duration: 05:20
Litir 455: Na M矛osan
Carson nach eil sinn a鈥 dol a-steach gu M矛os na Caillich a dh鈥檃ithghearr? Seadh 鈥 M矛os na Caillich 鈥 An Giblean mar a chanas sinn an-diugh. The month of April ann am Beurla. Carson a tha mi a鈥 cur na ceist? Uill, m矛nichidh mi.
Tha dualchas 脿raidh co-cheangailte ri ainmean nam m矛osan ann an G脿idhlig. Tha na h-ainmean uabhasach fh猫in inntinneach. Ach cha d鈥 fhuair mi a-mach buileach ciamar a chaidh na h-ainmean a tha sinn a鈥 cleachdadh a-nise a st猫idheachadh. Oir, ma th猫id sibh air ais gu p脿ipearan-naidheachd an naoidheamh linn deug, cha robh ainmean G脿idhlig nam m矛osan buileach mar a tha iad an-diugh.
Mh矛nich mi na h-ainmean ann an Litrichean 78 agus 79 as t-Samhain 2000 agus cha leig mi leas dhol thairis orra a-rithist. Ach tha e inntinneach mar a chaidh An Gearran a st猫idheachadh mar a鈥 Gh脿idhlig air February, ach nach d鈥 fhuair A鈥 Chailleach a h-脿ite mar an ainm airson April.
Tha gearran a鈥 ciallachadh each a th鈥 air a spothadh. Ach tha e a鈥 seasamh cuideachd airson an eich bhig a tha d霉thchasach don Gh脿idhealtachd. Tha diofar bheachdan aig na seann leabhraichean mu dheidhinn A鈥 Ghearrain 鈥 mus robh e st猫idhichte mar co-ionann ri February. Tha cuid ag r脿dh gum b鈥 e An Gearran na ceithir seachdainean an d猫idh a鈥 ch貌igeamh latha deug dhen Mh脿rt. Tha cuid eile ag r脿dh gur e m矛os February a bh鈥 ann. Tha feadhainn eile a鈥 cumail a-mach nach robh ann ach an d脿rna leth de February, agus tha cuid eile ag r脿dh gun robh e naoi latha a dh鈥檉haid, a鈥 tighinn d矛reach 脿s d猫idh An Fhaoillich.
Seo na chanas Alasdair MacBheathain mu dheidhinn anns an fhaclair aige 鈥 An Etymological Dictionary of the Gaelic Language: 鈥淸An Gearran] forms a part of the animal nomenclature given to the several periods of Spring-time.鈥 An toiseach, Am Faoilleach 鈥 m矛os nam madaidhean-allaidh; an uair sin An Fheadag, the plover, nach do mhair ach seachdain. Tha Dwelly ag r脿dh gur e An Fheadag an treas seachdain de February.
脌s d猫idh na Feadaig, th脿inig An Gearran. An uair sin th脿inig A鈥 Chailleach no Old Woman. Bhiodh sin co-ionann ri tr脿th sa Ghiblean no April.
Carson nach do mhair An Fheadag no A鈥 Chailleach ann am briathrachas nam m矛osan? Uill, 鈥檚 d貌cha gun robh iad ro ghoirid. Cha do mhair A鈥 Chailleach ach seachdain. 鈥橲 d貌cha gun robh e na b鈥 fhasa d矛reach Am Faoilleach a dh猫anamh co-ionann ri January is An Gearran a dh猫anamh co-ionann ri February. Ach carson a chaidh Am M脿rt a thaghadh airson March, seach rudeigin G脿idhealach, leithid An Fheadag no eadhon A鈥 Chailleach? Uill, 鈥檚 d貌cha gum biodh m矛-thuigse ag 猫irigh. Smaoinichibh air seantans mar 鈥淭ha A鈥 Chailleach fuar, cruaidh am-bliadhna.鈥 鈥橲 d貌cha nach c貌rdadh sin ri seann bhoireannach an taighe eadhon nam bithte a鈥 bruidhinn air an aimsir!
Ach, gu h-iongantach, tha a leithid de dh鈥檃bairt againn fhathast ann an G脿idhlig 鈥 ann an seanfhacal: 鈥橲 iomadh fear a th猫id le eallaich ri seachdain chruaidh na Caillich. Many a man carries a load in the hard week of the Cailleach. 鈥橲 iomadh fear a th猫id le eallaich ri seachdain chruaidh na Caillich. Leis gun robh A鈥 Chailleach ann aig toiseach a鈥 Ghiblein mus robh c脿il a鈥 f脿s a-muigh, bha an spr猫idh an urra ri feur a bhiodh na daoine a鈥 toirt dhaibh. Bhiodh t貌rr dhaoine a鈥 gi霉lain eallaich de dh鈥檉heur air an druim aig an 脿m sin.
Cha do r脿inig mi an earrann ainmhidheach mu dheireadh dhen Earrach 鈥 Na h-Othaisgean. N矛 mi iomradh air sin an ath-sheachdain.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-ch脿nain na Litreach
Seanfhacal na Litreach
Broadcast
- Fri 21 Mar 2008 11:55麻豆社 Radio nan G脿idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.