22/02/2008
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain.
Last on
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 451
Duration: 05:20
Litir 451: Lochan nan Damh
Gu siar air Loch Tatha ann an Siorrachd Pheairt, tha lochan anns a鈥 mhonadh air a bheil Lochan nan Damh. Ma tha sibh ag iarraidh a lorg, tha e eadar Gleann L貌chaidh agus Gleann Dochard air talamh 脿rd. O chionn fhada, bha muinntir an 脿ite ag r脿dh gun robh taibhse a鈥 fuireach faisg air an lochan.
Bha eagal air a鈥 mh貌r-shluagh ron taibhse. Cha bhiodh i a鈥 nochdadh a-mh脿in air an oidhche, ach tron latha cuideachd. A latha no a dh鈥檕idhche bhiodh daoine a鈥 seachnadh an locha.
Aig an 脿m ud bha fear treun a鈥 fuireach faisg air Cill Fhinn ann an Gleann L貌chaidh. 鈥橲 e an t-ainm a bh鈥 air Donnchadh M貌r Ruadh na Feusaig. Thathar ag r脿dh gur e Caimbeulach a bh鈥 ann 鈥 Donnchadh Caimbeul 鈥 ach bha daoine e貌lach air mar Dhonnchadh M貌r Ruadh na Feusaig. Cha leig mi leas innse dhuibh mar a fhuair e am far-ainm sin.
Bha Donnchadh sgileil le claidheamh. Agus cha ghabhadh e eagal ro rud sam bith. Chuir e roimhe cur 脿s don taibhse agus feasgar a bha seo dh鈥檉halbh e a-mach leis fh猫in a dh鈥檌onnsaigh an lochain. Thachair fear a b鈥 aithne dha ris air an rathad. Dh鈥檉haighnich e de Dhonnchadh c脿鈥 robh e a鈥 dol. 鈥淎irson an taibhse a chur aig fois,鈥 fhreagair fear na feusaig. Thug am fear eile comhairle dha gun a dhol ann leis fh猫in ach lean Donnchadh air chun an lochain. Thachair e ris an taibhse agus cha do nochd an taibhse timcheall Lochan nan Damh tuilleadh.
Nuair a bha Donnchadh na bhodach, bha daoine faisg air Calasraid, ann an 脿ite ris an canar an Tiobairt, a鈥 gearain mu thaibhse. Bha i a鈥 nochdadh far an do thachair murt. Bha Donnchadh dhen bheachd, nan toireadh e air an taibhse bruidhinn ris, gum faigheadh e cuidhteas i. Latha a bha seo bha e a鈥 d猫anamh deiseil. Dh鈥檉haighnich a鈥 bhean aige carson a bha e a鈥 toirt claidheamh leis. Mh矛nich e gun robh e a鈥 dol a chur 脿s don taibhse. Dh鈥檌arr a bhean air fuireach aig an taigh, ach dhi霉lt e.
Ach leis gur e bodach a bh鈥 ann, cha robh e cho luath air a chasan. Dh鈥檌arr a鈥 bhean aige air fear 貌g anns a鈥 bhaile ruith a Chill Fhinn air taobh eile a鈥 ghlinne, gus nach fhaiceadh Donnchadh e. Nuair a ruigeadh e Cill Fhinn bha aige ri dhol a ch猫ilidh air seann charaid aig Donnchadh airson innse dha na bha fa-near do Dhonnchadh.
Gu fortanach bha an seann charaid a-staigh. Nuair a chuala e an naidheachd, dh鈥檉halbh e a-mach air an rathad eadar Cill Fhinn is taigh Dhonnchaidh mar gun robh e d矛reach a鈥 gabhail cuairt air a shocair. Cha b鈥 fhada gus an do nochd Donnchadh.
鈥淐脿鈥檌l thu a鈥 dol a Dhonnchaidh?鈥 thuirt a charaid ris.
鈥淭ha mi a鈥 cluinntinn,鈥 fhreagair Donnchadh, 鈥済u bheil taibhse aig an Tiobairt a tha a鈥 cur dragh air gach neach a tha a鈥 gabhail an rathaid sin an d猫idh beul na h-oidhche agus 鈥檚 e mo r霉n toirt oirre bruidhinn agus a cur gu fois gu br脿th.鈥
鈥淭ut, a dhuine!鈥 thuirt a charaid, 鈥溾檚 e taibhse Ghallta a th鈥 innte. Chan eil G脿idhlig aicese agus chan eil Beurla agadsa agus chan urrainn dhuibh a ch猫ile a thuigsinn.鈥
Mhe貌raich Donnchadh air sin tiotan agus thuirt e, 鈥淭ha thu ceart. Cha do smuainich mi air sin.鈥 Thill e dhachaigh sa mhionaid agus fhad 鈥檚 as fiosrach mise, cha deach Donnchadh M貌r Ruadh na Feusaig an t貌ir air taibhsean a-chaoidh tuilleadh.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-ch脿nain na Litreach
Gn脿thas-cainnt na Litreach
Broadcasts
- Fri 22 Feb 2008 11:55麻豆社 Radio nan G脿idheal
- Sat 23 Feb 2008 10:55麻豆社 Radio nan G脿idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.