Main content

Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain.

5 minutes

Last on

Sat 22 Dec 2007 10:55

Clip

Litir 443: Dòrnach

Thèid sinn, thèid sinn thairis air an t-sruth,

Thèid sinn, thèid sinn gu Dòrnach.

Chì sinn na beanntaichean [a]’ gleidheadh sneachd an geamhraidh,

Chì sinn na caileagan bòidheach.

Chan ann tric a chluinnear “Dòrnach” ann an rann traidiseanta ann an Gàidhlig. Tha mi an dùil gu bheil sibh eòlach air Dòrnach – baile beag brèagha ann an Cataibh. ’S aithne dhomh fear a rugadh is a thogadh ann an Dòrnach aig a bheil Gàidhlig, agus chan eil e cho fada sin bhon a bha an cànan aig a’ mhòr-chuid anns an sgìre sin.

Ach tuigidh sibh nach ann Ă  Cataibh a tha an ceathramh. Canaidh mi a-rithist e:

Thèid sinn, thèid sinn thairis air an t-sruth,

Thèid sinn, thèid sinn gu Dòrnach.

Chì sinn na beanntaichean [a]’ gleidheadh sneachd an geamhraidh,

Chì sinn na caileagan bòidheach.

Bhon àite às a bheil an ceathramh, bhiodh aig na daoine ri dhol “thairis air an t-sruth”. Bha na daoine a’ fuireach ann an Siorrachd Rois. Bha aca ri dhol thar Caolas Dhòrnaich airson faighinn gu Dòrnach.

Tha an ceathramh sin a’ tighinn bho na bailtean iasgaich ann am Machair Rois – bailtean beaga ris an canar na Seaboard Villages ann am Beurla. Is iad na bailtean sin Seannduaig, Baile an Todhair agus Baile a’ Chnuic, agus bha a’ Ghàidhlig fhathast beò annta nuair a bha i air a dhol à bith mar chainnt coimhearsnachd anns a’ mhòr-chuid de thaobh sear Rois.

Ged nach eil a’ Ghàidhlig beò an-diugh mar chainnt coimhearsnachd ann am Machair Rois, faodaidh sinn a bhith taingeil don Ollamh Seòsamh Watson on Choláiste Ollscoile ann am Baile Àtha Cliath airson mòran de bheul-aithris Ghàidhlig na sgìre a ghleidheadh. Chaidh toradh a chuid obrach fhoillseachadh o chionn ghoirid ann an leabhar Gàidhlig – “Saoghal Bana-mharaiche: Cunntas Beul-aithris mu Bheatha Muinntir an Iasgaich ann am Machair Rois”. ’S e leabhar inntinneach a th’ ann.

B’ i a’ bhana-mharaiche san tiotal Isbeil Anna (bean Uilleim MhicAonghais), nach maireann, a bha a’ fuireach ann am Baile a’ Chnuic. Thachair Seòsamh rithe o chionn ceathrad bliadhna agus, ged a bha làn chlaigeann de Ghàidhlig aice, cha robh suidheachadh a’ chànain anns na bailtean beaga sin fallain idir.

Seo mar a tha Seòsamh fhèin a’ mìneachadh a’ ghnothaich anns an “Ro-bhriathar” aige: Sluagh gun ghuth a bh’ ann an luchd-labhairt na Gàidhlig ann am Machair Rois mun àm a ràinig mise an t-àite a’ chiad uair a-riamh anns a’ Ghiblean 1967. Ged a bha barrachd is fichead neach an siud aig an robh a’ Ghàidhlig, cha bhiodh iad mar bu thrice a’ cleachdadh a’ chànain is iad a’ dèanamh còmhradh eatarra fhèin – is cha chluinnte iomradh idir air a’

Ghàidhlig ga bruidhinn ri coigreach sam bith a thigeadh bhon taobh siar: nach robh Isbeil Anna ... a’ còmhnaidh fad bhliadhnachan an ath-dhoras ri tè à Eilean Leòdhais is gun ach corra fhacal Gàidhlig ri chluinntinn eatarra.

Thachair an aon rud am measg Gàidheil Machair Rois ’s a thachair leis an fheadhainn ann an suidheachadh car coltach air cladach sear Chataibh. Nuair a bha Seòsamh ann, bhiodh iad a’ bruidhinn barrachd Gàidhlig nan àbhaist nam measg fhèin. Thachair an dearbh rud am measg muinntir Euraboill nuair a bha an sgoilear Ameireaganach, Nancy Dorian, a’ rannsachadh na Gàidhlig aca.

Chan eil duine beò an-diugh ann am Baile a’ Chnuic, Baile an Todhair no Seannduaig, a bhuineas don àite, agus a tha fileanta ann an Gàidhlig. Ach, mar a chì sinn an ath-sheachdain, chan eil an cànan no a dualchas uile-gu-lèir air an cur air dhìochuimhne.

Faclan na Litreach

Faclan na Litreach: Dòrnach: Dornoch; Siorrachd Rois: Ross-shire; Caolas Dhòrnaich: Dornoch Firth; Machair Rois: the flat country of Easter Ross; Baile Àtha Cliath: Dublin; beul-aithris: oral tradition.

Abairtean na Litreach

Abairtean na Litreach: thèid sinn thairis air an t-sruth: we’ll go over the current (firth); chì sinn na beanntaichean: we’ll see the mountains; chan ann tric a chluinnear X: X is not often heard; ’s aithne dhomh fear a rugadh is a thogadh: I know a man who was born and raised; nach ann à Cataibh a tha an ceathramh: that the quatrain is not from Sutherland; is iad na bailtean sin Seannduaig, Baile an Todhair agus Baile a’ Chnuic: those villages are Shandwick, Balintore and Hilton; nuair a bha i air a dhol à bith: when she had disappeared; faodaidh sinn a bhith taingeil don Ollamh Seòsamh Watson: we can be thankful to Professor Joe Watson; chaidh toradh a chuid obrach fhoillseachadh: the fruit of his endeavours was published; Saoghal Bana-mharaiche: the life/world of a fisherwoman; nach maireann: deceased; ged a bha làn chlaigeann de Ghàidhlig aice: although she was fluent in [“had a full skull of”] Gaelic ; sluagh gun ghuth a bh’ ann an X: X were people without a voice; mun àm a ràinig mise an t-àite: about the time I reached the place; cha chluinnte iomradh idir air a’ Ghàidhlig ga bruidhinn: you’d never hear of Gaelic being spoken; ri coigreach a thigeadh bhon taobh siar: to a stranger who’d come from the west coast; gun ach corra fhacal Gàidhlig ri chluinntinn eatarra: with only the occasional Gaelic word to be heard [exchanged] between them; muinntir Euraboill: the people of Embo.

Puing-chĂ nain na Litreach

Puing-chànain na Litreach: [a]’ gleidheadh sneachd an geamhraidh: keeping the winter snow. “Standard” Gaelic would require a lenition of geamhradh following the verbal noun and article [ie a’ gheamhraidh], but William Ross, shopkeeper of Shandwick,who provided this quatrain, only slenderised it. Don’t be fazed by such “non-standard” usage – you’ll come across it on a daily basis [indeed beanntaichean would be considered a non-standard pluralization of beinn]. For those of you interested in the grammar and vocabulary of Gaelic dialects, Joseph Watson’s book (named in the text, published by Clann Tuirc) explains this for the seaboard villages dialect in some detail (in Gaelic). For example, their standard word for “boy” was brogach. A “cod” was pollach. The last may be related to the English “pollack” (for a lythe) which some consider likely to have a Gaelic origin (pollag).

GnĂ thas-cainnt na Litreach

Gnàthas-cainnt na Litreach: chan eil an cànan no a dualchas uile-gu-lèir air an cur air dhìochuimhne: the language and its heritage have not entirely been forgotten.

Broadcasts

  • Fri 21 Dec 2007 11:55
  • Sat 22 Dec 2007 10:55

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast