Tar-sgrìobhadh: Prògram Choinnich – Dòmhnall Mà rtainn
Dòmhnall: Teaghlach shìos ann an Sheffield, agus fhios agaibh air an seo? Tha craobh Nollaig acasan a tha ceithir fichead bliadhna agus a seachd a dh’aois.
Coinneach: Seadh?
Dòmhnall: Tha i air a bhith aca o ...tha, 1920.
Coinneach: Tha i ceithir fichead ’s a seachd-deug, a-rèist!
Dòmhnall: Ceithir fichead ’s a seachd-deug, ’s e. Ninety-seven. Agus tha, cheannaich iad i airson bha leanabh aca anns an teaghlach, Uilleam a bh’ air, agus gu mì-fhortanach, bhàsaich e nuair a bha e fichead bliadhn’ a dh’aois, agus chùm iad a’ dol a’ cur a’ chraobh a tha seo an àird a h-uile bliadhna mar chuimhneachan air.
Agus tha e coltach, aig àm an dara cogadh, chaidh an taigh aca a mhilleadh anns a’ Bhlitz, agus dh’fhalbh a’ chraobh – thuit i agus tha mi smaoineachadh gun deach i sìos an rathad pìos, agus chaidh pìos dhi a lùbadh, agus tha i a' coimhead fhathast coltach ris mar a thachair dhi an latha sin nuair a chaidh am bomb tron an t-sràid.