Â鶹Éç

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

RET: Dà sgìre, aon cheist

Air cùl na h-ùpraid mu sgeama nam faraidhean aiseig RET, tha ceist phoileataigeach.

Sin, cò bhuannaicheas an taghadh Albanach an ath-bhliadhna.

Cuimhnich gu bheil an SNP dìreach aon sheat air thoiseach air na pàrtaidhean eile aig Holyrood an-dràsta.

Mar sin dheth, b' urrainn do thoraidhean ann an sgìrean iomalach buaidh a thoirt air toradh an taghaidh air fad.

Tha na h-Eileanan Siar agus Earra-Ghàidheal is Bòid a-measg nan sgìrean as teinne a bhios ann nuair a thèid an luchd-bhòtaidh do na bogsaichean-baileit as t-Earrach.

Bu choltach an-diugh gun robh an iomairt air tòiseachadh mar-thà.

Taobhadh

Anns na h-Eileanan Siar an-dè chaidh fàilte a chuir air an naidheachd gum maireadh RET gu co-dhiù 2012.

Ach an-diugh thuirt ball-pàrlamaid Earra-Ghàidheal, Ailean Reid, gun robh an SNP a' taobhadh ris na h-Eileanan Siar gus an sgìre a ghleidheadh an ath-bhliadhna.

Mar a bhiodh dùil, tha Riaghaltas na h-Alba a' dol as àidhcheadh sin.

Ach bu chothromach ri ràdh, chanainn, gum biodh an SNP ann an cunnart anns na h-Eileanan Siar nan deidheadh cur às don sgeama ron taghadh.

Aig a' cheart àm, tha na Lib Deamaich dìreach 815 bhòt air dheireadh air na nàiseantaich ann an Earra-Ghàidheal. Chaill iad an seat sin ann an 2007 agus tha iad ga iarraidh air ais.

Bidh an sgeulachd air fad air An Là aig 8f.

Â鶹Éç iD

Stiùireadh a’ BhBC

Â鶹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.