Â鶹Éç

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

An t-ionnsachadh òg, an t-ionnsachadh bòidheach...

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2009-12-01, 11:55

Tha Fiona Hyslop, a bha chun an-diugh ag obair mar Rùnaire an Foghlaim, air a dreuchd fhàgail.

Na h-àite thèid Mìcheal Ruiseal, a bha roimhe na Mhinistear Cultair agus Chùisean Cèin.

Gheibh Fiona Hyslop dreuchd Mhgr Ruiseal ach gun an dleastanas a bha aige airson bun-reachd na dùthcha - gabhaidh am Prìomh Mhinistear fhèin sin os làimh.

Tha Fiona Hyslop air a' chaibineat fhàgail - a' chiad thuras a thachair seo fo riaghaltas an SNP.

Tha ceannard nan Làbarach, Iain Gray, air a bheul a chnàmh ag ràdh gum bu chòir dhi falbh.

Bha mi a' bruidhinn ri Mgr Gray air a' mhadainn agus tha e gu math riaraichte an-diugh.

Cion-earbsa

Tha e a' creidsinn gun d' rinn e a' chùis air Ailig Salmond as dèidh dha ìmpidh a chuir air mu dhreuchd Fiona Hyslop fad mhìosan fada.

Rinn e a-rithist e aig Àm nan Ceist dìreach an t-seachdainn a chaidh.

Tha Mgr Gray ag ràdh gun robh e bruidhinn ri ceannard nan Lib Deamach, Tavish Scott, Disathairne mu bhòt cion-earbsa innte.

A-rèir coltais bha na Lib Deamaich a' dol a thoirt gluasad fa chomhair na pàrlamaid an-diugh.

Chuala an SNP mu dheidhinn na bhòt, ach tha iad a' dol as àidhcheadh gur e sin am prìomh adhbhar airson an atharrachaidh.

Tha iad ag ràdh gun robh sùil ùr a dhith air polasaidh nan sgoiltean as dèidh eas-aonta le ùghdarrasan ionadail mu mheud chlasaichean.

Ach tha e coltach gun robh Mgr Salmond den bheachd nach b' urrainn dha Fiona Hyslop a dhìon na bu mhotha.

'S e ceum suas tha seo do Mhìcheal Ruiseal as dèidh dha a chur air adhart.

Ach 's e beachd Mhgr Gray gu bheil seo a' sealltainn gu bheil fios aig Mgr Salmond nach fhaigh an SNP bile an referendum troimhe.

Anns an eadar-ama, chan eil Fiona Hylop a' dol fada air falbh.

'S ann oirrese a-nis a tha an dleastanas airson na Gàidhlig.

BeachdanFàg beachd

  • 1. Aig 8:48 Air 2009-12-02, Sgrìobh Graisg:

    Inntinneach, chì sinn dè thachras leis na Làbaraich ann an Alba aig an ath thagadh Westminster ge-tà.
    Am bi sibh a-mach air cùisean sa Ghàidealtachd?
    Am bi Danny Alexander sàbhailte gu leòr an turas seo?
    Dè cho fad 's a mhaireas an rianachd indy-lib-lab an urra ri Comhairle na Gàidhealtachd?

  • 2. Aig 17:37 Air 2009-12-02, Sgrìobh Niall O'Gallagher:

    #1 Graisg - Mar as trice 's ann air cùisean aig Holyrood a bhios mi a' blogadh, ach cumaidh mi sùil air na bhios a' tachairt ag ìre ionadail agus sgrìobhaidh mi mu dheidhinn nuair as urrainn dhomh!

Â鶹Éç iD

Stiùireadh a’ BhBC

Â鶹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.